Naidheachdan 10:00

An Kilda

Chaidh bàta-iasgaich an Kilda a chaidh a dhìth far chosta Leòdhais a thoirt gu tìr ann an Arcaibh tron oidhche a-raoir. Thàinig seo an dèidh iomairt mhòir leis na poilis, maoir-chladaich agus luchd-eòlais an sàs. Chaidh an Kilda a dhìth air an 13mh den Dàmhair agus i air a bhith ag iasgach faisg air Rubha Robhanais le triùir chriutha air bòrd. Fhuaireadh corp Douglas Craigie, aois 49, an uairean beaga na maidne an ath là - ach tha Tam Moireach, aois 40, agus Murchadh Moireasdan, aois 23, fhathast gun an lorg. Chunnacas an soitheach 's i letheach fodha mu 50 mìle an ear air Arcaibh Diciadain, 's chaidh a toirt gu Circeabhall anmoch a-raoir. Thathas a' tuigsinn gun tèid a-niste a cumail ann an gàrradh tèarainte fhad 's a nìthear rannsachadh.

An t-Aonadh Eòrpach

Thug oifigich an Aonaidh Eòrpaich rabhadh seachad gu bheil cunnart nach gabh aonta a dhèanamh leis an Rìoghachd Aonaichte mura h-aontaich am Prìomhaire cosgaisean oideachaidh a ghearradh do dh'oileanaich on EU. Tha Andy Burnham anns a' Bhruiseil an-diugh airson àrd-choinneimh le ceannardan Eòrpach, agus bha dùil gun cuireadh e ainm ri sreath de dh'aontaichean air biadh, cumhachd agus bhìosathan do dh'òigridh. Ach tha e a-niste air tighinn am bàrr gu bheil na h-aontaidhean sin a' crochadh air aonta eile air cosgaisean oilthighe.

Beachd nan Tòraidhean

Tha na Tòraidhean a' cur às leth a' Phrìomhaire gu bheil e "ag ath-fhosgladh sgaraidhean agus deasbadan Bhrexit". Thuirt ceannard Reform UK, Nigel Farage, gu bheil ro-innleachd Mhgr Burnham "deireannach agus ais-cheumach".

Ospadal Rìoghal Obar Dheathain

Tha Poileas Alba air innse gu bheil iad air rannsachadh a thòiseachadh air casaidean gun do chaill daoine am beatha nach leigeadh a leas aig Ospadal Rìoghail Obar Dheathain. Tha seo an dèidh do lighiche innse an-dè gun tug e draghan a' dol air ais 10 bliadhna dha na poilis is chun an Riaghaltais ach nach tug iad feairt orra. Thachair sin seachdain an dèidh do dh'aithisg nochdadh a rinn dubh-chàineadh air ceannas is cultar a' bhùird-slàinte.

FtMG an Siorrachd Lannraig a Tuath

Nì Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath conaltradh poblach mu bhith a' stèidheachadh bun-sgoil Ghàidhlig fa-leth san sgìre. Bhiodh sin air an aon champas le Bun-Sgoil Chondobhrait ann an Comar nan Allt, an àite sruth na Gàidhlig sa bhun-sgoil a th' ann an-dràsta - leis an sgoil sin a' dol na sgoil tro mheadhan na Beurla. Dh'fheumte na sgoilearan a th' ann a ghluasad gu sgoil shealadaich fhad 's a bhiodh an obair a' dol air adhart. Bidh an conaltradh poblach a' ruith chun an Fhaoillich, le coinneamh phoblach na pàirt dheth.