Thòisich sgrùdadh an dèidh bàs dàibheir air an Tairbeart

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu cidhe Loch an Iar feasgar Diardaoin
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Poileas Alba gun do bhàsaich fireannach a bha a' dàibheadh far an Tairbeirt sna Hearadh Diardaoin.
Thuirt iad gun deach fios a chur thuca gun robh dàibhear ann an duilgheadas aig cidhe Loch an Iar mu 2:15f.
Thuirt neach-labhairt: "Chaidh na seirbheisean èiginn a gharim ann agus chaidh am fireannach a thoirt a dh'Ospadal nan Eilean airson cùraim, far an do bhàsaich e goirid an dèidh sin."
Thuirt na poilis nach eil fhios aca fhathast dè bu choireach ri a bhàs, agus gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn.