Sgoil an Tairbeirt: "Cuid de na dùbhlain gu math domhain"

Togalach geal le beagan dearg agus chìthear soidhne air a bheil sgrìobhte Sgoil an Tairbeirt agus fodha Sir E Scott School
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad ag obair gus piseach a thoirt air Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart an dèidh droch theisteanasan bho luchd-sgrùdaidh nan sgoiltean.

Fhuair aithisg an dèidh dhaibh tadhal air an sgoil san Òghmhios an-uiridh grunn roinnean nach robh aig ìre, leithid ceannas, foghlam Gàidhlig is feumalachdan taice a bharrachd.

Thàinig iad a-rithist am-bliadhna is lorg iad nach tàinig piseach gu leòr air cùisean.

Tha Àrd-oifigear an Fhoghlaim aig an ùghdarras ionadail, Dòmhnall MacLeòid, ag ràdh gun tuig iad "gu bheil eagal air pàrantan mu dheidhinn nan duilgheadasan a tha an luchd-sgrùdaidh a' togail".

Nochd Mgr MacLeòid a bheachdan agus ceannard na sgoile air innse an t-seachdain a chaidh gu bheil e a' fàgail a dhreuchd.

"Tha sinn air plana a stèidheachadh le ceannard ùr a' tighinn a-steach agus taic a bharrachd dhan sgoil a-rithist, agus tha sinn an dòchas ag obair còmhla ri pàrantan, còmhla ris a' choimhearsnachd, còmhla ri sgoilearan agus luchd-obrach na sgoile gus an dèan sin an t-adhartas a thathar a' feumachdainn."

Thuirt Mgr MacLeòid gun do rinn iad adhartas ach gum feumadh iad "barrachd tìde agus barrachd taice".

Bha "cuid de na dùbhlain gu math domhain, agus chan eil iad furasta an cur ceart san tìde a bh' aig an sgoil", thuirt e.

Am measg nan leasachaidhean a gheall iad 's e "barrachd chothroman do sgoilearan cuspairean a bharrachd a ghabhail" tro mheadhan na Gàidhlig agus an cànan a chleachdadh aig an sgoil.

Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil a' chomhairle a' cur barrachd thidsearan a-steach don sgoil airson dèanamh cinnteach nach eil call a' tighinn air na sgoilearan ri linn an t-suidheachaidh, agus gu bheil iad airson a bhith "ag obair gu math faisg air pàrantan".

Thuirt e: "Sin aon de na rudan a tha sinn ag iarraidh a bhith a' dèanamh nas fheàrr na tha sinn an dèis a bhith a' dèanamh."