Rabhadh mu bhuaidh chrìonadh-sluaigh air eaglaisean Leòdhais

Eaglais gheal le soidhne gorm air a bheil sgrìobhte Church of Scotland, Carloway Parish Church
LeAilig John Moireasdan
BBC NaidheachdanAg aithris àLeòdhas
  • Air fhoillseachadh

Tha rabhadh ann mun bhuaidh a tha crìonadh-sluaigh a' toirt air an dà eaglais Phròstanach as motha ann an Leòdhas.

Tha an dà chuid an Eaglais Shaor agus Eaglais na h-Alba a' dol tro atharrachaidhean mòra an-dràsta air sgàth lùghdachadh air na tha de luchd-adhraidh cho math ri gainnead mhinistearan.

Thuirt Alasdair Mac a' Ghobhainn, Clàrc Clèir Leòdhais aig Eaglais na h-Alba: "Tha àireamh an t-sluaigh air an tuath air a dhol sìos glè, glè mhòr agus tha buaidh aig an siud."

A-nis, tha an Eaglais a' toirt cho-thionalan còmhla agus cha bhi ach còignear mhinistearan san eilean gu lèir an taca ri 11 mar a bha uair.

Fear maol na sheasamh air beulaibh eaglaise
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Alasdair Mac a' Ghobhainn le dragh mu na thachras nuair nach bi na 'baby boomers' ann tuilleadh leis gur iad as motha a tha a' cumail na h-eaglaise beò

Tha dragh air Mgr Mac a' Ghobhainn mu na dh'fhaodadh a bhith an dàn don eaglais nuair a chailleas iad na daoine as motha a tha ga cumail beò sa choimhearsnachd an-dràsta.

"Mar a tha sinn an-dràsta, tha na h-eaglaisean an ìre mhath làidir bho tha an t-uabhas de na daoine a rugadh sna 50an, baby boomers mar a chanas iad riutha sa Bheurla, a' cumail a h-uile càil a' dol air an tuath cha mhòr, na h-eaglaisean agus a h-uile càil eile.

"Nuair a chailleas sinn an ginealach sin bidh suidheachadh gu math eadar-dhealaichte," thuirt e.

Eaglais le stìopall le glag ann
Fo-thiotal an deilbh,

Tha sia co-thionalan den Eaglais Shaoir ann an Leòdhas a' sireadh ministeir

Tha dragh san Eaglais Shaoir cuideachd gum bi aca fhathast ris na h-aon cheumannan 's a ghabh Eaglais na h-Alba a ghabhail agus co-thionalan a chur còmhla.

Tha 13 eaglaisean aig an Eaglais Shaoir ann an Leòdhas agus tha sia co-thionalan a' lorg ministeir ùir.

Tha Neach-gairm Comataidh Chonaltraidh Clèir nan Eilean Siar, an t-Urramach Pòl Moireach, ag ràdh nach eil àireamh an luchd-adhraidh "a' crìonadh aig droch ìre an-dràsta ach saoilidh sinn gu bheil sin a' dol a thighinn".

"Ma chumas iad a' crìonadh bidh eaglaisean a' dùnadh agus bidh eaglaisean a' tighinn ri chèile.

"Ach cha tachair sin air sgàth dìth mhinistearan, 's ann a thachras sin nuair nach bi airgead aig na co-thionalan sin," mhinich e.

Fear le èideadh ministeir air, coilear geal, na sheasamh ann an eaglais far am faic thu beingean agus cùbaid
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-Urramach Pòl Moireach ag ràdh gur dòcha gum bi aig an Eaglais Shaoir ri beachdachadh air co-thionalan a thoirt còmhla fhathast

Ge-tà, tha gainnead mhinistearan na dhùbhlan don dà chuid Eaglais na h-Alba agus an Eaglais Shaor ann an Leòdhas.

Tha an t-Urramach Moireach den bheachd gu bheil e nas duilghe ministearan a thàladh ann air sgàth agus cho traidiseanta 's a tha an dòigh adhraidh san eilean.

"Tha iad a' faicinn gu bheil e nas fhasa dhaibh a bhith a' tòiseachadh ann an àite ùr, 's mathaid ann an church plant far nach eil na traidiseanan sin ann, neo ann an àite eile far a bheil iad a' faireachdainn g' eil e nas freagarraiche dhaibh fhèin," thuirt e.

Thuirt Alasdair Mac a' Ghobhainn bho Eaglais na h-Alba: "Chan eil uimhir a' dol a-steach airson na ministearachd agus mar is beò an eaglais 's ann as motha an toradh airson daoine a bhith a' dol a-steach airson na ministearachd agus chan eil sin sna bliadhnaichean a tha a' tighinn an-dràsta."

Tha ceangal làidir air a bhith aig Leòdhas agus na h-eileanan ri Crìosdaidheachd fad linntean ach chan eil teagamh nach eil linn ùr air fàire do chreidmhich.

Chan eil uiread de dhaoine òga ag adhradh agus a bhiodh na h-eaglaisean fhèin ag iarraidh.

Mar sin, tha dragh ann mu cò san àm ri teachd a ghabhas uallach airson an eaglais a chumail a' dol sa choimhearsnachd.

Cuideachd tha nas lugha de mhinistearan ann agus beachd gu bheil nas lugha deònach thighinn a Leòdhas.

Mar sin, tha aon rud follaiseach do gach eaglais agus 's e sin nach eil rian nach tig tuilleadh atharrachaidhean fhathast.