Casaidean an aghaidh sianair co-cheangailte ri 'tuath cainb £7.1m' air an leigeil

Togalach buidhe le pilaran aig an doras Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh èisteachd a chumail aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu as t-samhradh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh na casaidean an aghaidh shianar fhear à Vietnam gun robh gnothach aca ri factaraidh mhòr chainb ann an seann sgoil air a' Ghàidhealtachd a leigeil.

Bhathar a' fàgail air Thong Vo, 38, Chinh Nguyen, 44, Diep Van Le, 47, Trung Nguyen, 35, Pham Quoc Anh, 23, agus Nam Viet Le, 23, gun robh iad an sàs ann an bhith a' dèanamh agus a' reic an druga eadar a' 1d den Iuchar an-uiridh agus a' 1d den Ghearran am-bliadhna.

Thuirt na poilis aig an àm gun deach cainb luach timcheall air £7.1m a lorg ann an togalach seann Àrd-sgoil Inbhir Ùige ann an Gallaibh.

Thuirt Oifis a' Chrùin gus Luchd-Casaid a' Chrùin (COPFS) gum biodh còir aca fhathast cùis-lagha eucoireach a thogail nan tigeadh fianais ùr am follais.

Bha èisteachd san Iuchar aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu.

Dìon sònraichte

Bha luchd-lagha nam fear - ach sgioba laghail Ho - air tagraidhean neo-chiontachd a chur air adhart.

Bha gach fear air dìon sònraichte de mhaoidheadh a chur a-steach.

Chuala an èisteachd as t-samhradh gun robh rannsachadh air a bhith a' dol airson faighinn a-mach an do dh'fhuiling duine sam bith den t-sianar cùiltearachd dhaoine.

Bha dùil gun tòisicheadh cùis-lagha naoi là san Dàmhair an ath-bhliadhna.

Thuirt neach-labhairt COPFS: "'S e dleastanas a' Chrùin cùisean a chumail fo sgrùdadh, agus an dèidh beachdachadh air a' chùis-sa gu mionaideach, tha sinn air co-dhùnadh nach bu chòir don chùis-lagha leantainn aig an ìre seo.

"Tha an Crùn le còir fhathast a dhol air adhart leis san àm ri teachd nan tigeadh an còrr fianais am follais."