Moladh do chù poilis nan Eilean Siar airson na fhuair i de dhrugaichean

Tha còrr is bliadhna on thòisich PD Viv a cuid obrach sna h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh
Thàinig àrdachadh 60% air na chaidh a ghlachadh le dhrugaichean sna h-Eileanan an Iar gu ruige seo am-bliadhna.
Tha seo a rèir aithisg , taobh a-muighbho Phoileas Alba a thèid air beulaibh chomhairlichean an t-seachdain seo.
Tha na figearan as ùire aca a' dèanamh coimeas eadar a' chiad shia mìosan den bhliadhna ionmhais seo agus an aon ùine ann an 2025.
Cluinnidh buill Comataidh Sàbhailteachd na Coimhearsnachd Diciadain gun do dhèilig na poilis ri 61 cùisean de shealbh dhrugaichean am-bliadhna an taca ri 38 an-uiridh.
Tha commandair nam poileas sna h-Eileanan an Iar, an t-Àrd-Inspeactair Ross McCartney, ag ràdh gur "e obair a' choin aca, PD Viv, as coireach ris gun deach na fhuair iad de dhrugaichean an-àirde".
Thuirt e: "Tha sinn a' cumail oirnn ag obair gus nach bi fàilte sna h-Eileanan an Iar dhaibhsan a tha an sàs ann a bhith a' dèanamh agus a' reic dhrugaichean."
Cù poileas ùr nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh2 An Cèitean 2025
Dithis fo chasaidean dhrugaichean sna Hearadh
- Air fhoillseachadh24 Am Màrt
Aig an aon àm, tha an àireamh ionnsaighean air tuiteam an treas cuid.
Chaidh 44 eucoir a chlàradh am-bliadhna an taca ri 2025.
Bha lùghdachadh air cùisean èigneachaidh - bho sheachd an-uiridh gu ceithir am-bliadhna, agus bha nas lugha ionnsaighean feiseil air an clàradh - bho sheachd gu trì.
Bha àrdachadh 50% ann an eucoirean draibhidh. Am measg sin, chaidh draibhearan a ghlacadh a' dol ro luath 88 tursan, an coimeas ri 57 tron aon àm an-uiridh.
Agus bha an àireamh chùisean far an robh draibhear fo bhuaidh na dibhe neo dhrugaichean suas bho 22 to 28.
Thuirt an t-Ard-Inspeactair McCartney: "'S e am plana agam airson na bliadhna ri teachd cumail a' dol ag obair leis a' choimhearsnachd gus dèanamh cinnteach gur e àite a th' anns na h-Eileanan an Iar a tha sàbhailte agus soirbheachail."