Luaidh air fear a bha "na mheadhan mòr air an adhartas a rinn Ross County"

Bobby WilsonTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air fear a bha cianail fhèin cudromach anns an adhartas a rinn Ross County anns na 1980an is 1990an.

Chaochail Bobby Wilson an t-seachdain seo aig aois 83.

Bha Wilson na chluicheadair an toiseach le Cowdenbeath is an uairsin le Dùn Dè, is e na phàirt de sgioba fìor mhath aig Pàirc Dens anns na 1960an.

Bha e gu math soirbheachail mar mhanaidsear aig Keith aig deireadh nan 1970an, a' buannachadh Lìog na Gàidhealtachd trì tursan, mus deach e dhachaigh a dh'Fhìobha 'son treis 'son a dhol is cionn Raith Rovers.

Nuair a thill e gu tuath 'son an stiùir a ghabhail aig Ross County ann an 1987 bha na Staggies ann an suidheachadh ìosal ann an Lìog na Gàidhealtachd.

Thog e an cluba, a' buannachadh an tiotail dà thuras agus a' dèanamh adhartais ann an an Cupa na h-Alba.

Dh'fhàg sin gun robh County ann an suidheachadh glè làidir nuair a dh'fhosgail dà bheàrn ann an Lìog na h-Alba ann an 1994.

Adhartas

Fhuair na Staggies tè de na beàrnan sin còmhla ri cluba ùr Caley Thistle.

Bha mòran den bheachd nach biodh seo idir air tachairt mura b' e Bobby Wilson.

"Bha e na mheadhan mòr air an adhartas a rinn Ross County anns na bliadhnaichean sin," thuirt an t-èolaiche ball-coise Coinneach MacLeòid air Aithris na Maidne.

"Nuair a smaoinicheas tu air an adhartas a rinn County: ann an 1986 chrìochnaich iad aig bonn Lìog na Gàidhealtachd is cha robh airgead aca.

"Taobh a-staigh ochd bliadhna fhuair iad a-steach gu Lìog na h-Alba agus 's e Bobby Wilson a bha gu mòr na mheadhan air an adhartas a tha sin."

Thog Coinneach air mar a thug Wilson cothrom do chluicheadairean òga, a mhac fhèin Barry nam measg.

Rinn Ross County fhèin, is Keith, Raith is Dùn Dè luaidh air Bobby Wilson nuair a nochd naidheachd a bhàis.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte