Tuathanas-èisg aig Bakkafrost far chosta sear Leòdhais air a dhiùltadh

Bradain ann an cèidse
  • Air fhoillseachadh

Tha comhairlichean air iarrtas dealbhachaidh airson tuathanas-èisg far chladach sgìre nan Loch ann an Leòdhas a dhiùltadh, agus iad air gabhail ri argamaidean iasgairean gun adhbharaicheadh e "an call a bu mhotha a-riamh de ghrunndan-iasgaich coimeirsealta" an Alba.

Bha a' chompanaidh Bakkafrost Scotland Eta a' sireadh cead còig cèidsichean 200m cruinn a chur air làrach 1.02km ceàrnagach sna h-uisgeachan eadar Calbost agus Grabhair airson bradain àrach.

Bha am measadh àrainneachdail (EIA) aca a' cumail a-mach gum biodh còig obraichean làn-thìde an cois an leasachaidh agus buannachd eaconomach luach £606,000 sa bhliadhna gu h-ionadail, agus gun cuireadh e còrr is £1m sa bhliadhna ri eaconomaidh na h-Alba.

Bha luchd-planaidh Comhairle nan Eilean Siar a' moladh don Bhòrd Dealbhachaidh gun cuireadh iad taic ri Tuathanas-èisg Ghrabhair a Tuath.

Ge-tà, cho-dhùin buill "nach do sheall Bakkafrost nach cuireadh an leasachadh bacadh ris nach gabhar air obair iasgaich choimeirsealta ann an grunnd-iasgaich traidiseanta agus luachmhor".

Ghabh an EIA a rinn Bakkafrost ris gum faodadh gum biodh grunndan-iasgaich air an call, ach thuirt iad nach d' fhuair iad clàraidhean "bho iasgairean ionadail a tha ag obair san làraich".

Thuirt Comann Iasgairean nan Eilean Siar gun d' fhuair Bakkafrost an dàta seo.

A' cur an aghaidh a' phlana, thuirt a' bhuidheann gun robh iasgairean mhuasganan-caola a' tomhas gun robh iad "a' faighinn teachd a-steach £50k an urra bhon làraich, le suas ri 20 tràlair ag obair innte".

Thuirt aithisg an luchd-planaidh gun robh e doirbh measadh a dhèanamh taobh seach taobh air na diofar bheachdan seo agus gum bu chòir mar sin gabhail ri toradh aithisg an EIA aig Bakkafrost.

Aig coinneimh den Bhòrd Dealbhachaidh, nochd an Comh. Susan Thomson dragh gun robh e doirbh dhaibh co-dhùnadh a dhèanamh air sgàth caochladh bheachdan an luchd-leasachaidh agus nan iasgairean a thaobh bhuannachdan agus call eaconomach.

Mhol i iarrtas Bakkafrost a dhiùltadh agus ghabh buill eile a' bhùird gu h-aona-ghuthach ris.