'Taic ann am prionnsabal' do dh'Ùghdarras Singilte Eileanach

- Air fhoillseachadh
Tha Rùnaire a' Chabineit airson Ath-leasachadh na Roinne Poblaich, Ivan McKee, air innse do BhBC Naidheachdan gu bheil e a' cur a thaic ris a' phrionnsabal gum b' urrainn aon ùghdarras poblach a bhith a' ruith sheirbheisean ann an sgìrean eileanach.
Tha bruidhinn ga dhèanamh air Ùghdarras Singilte Eileanach, an àite na comhairle agus a' bhùird slàinte, ged nach eil aonta ann air mar a dh' obraicheadh sin.
Thuirt Ivan McKee gu bheil coltas dòchasach air a' mhodail sin agus gur dòcha gum biodh e na chuideachadh airson dèiligeadh le duilgheadasan mar ghainnead luchd-obrach.
"Tha na buidhnean eileanach a tha a' toirt seo air adhart dha-rìribh air an fhìor-thoiseach air a' phàirt seo de dh' ath-leasachadh na roinne poblaich."
Còmhraidhean mu ùghdarras singilte eileanach an dèidh "adhartais mhòir"
- Air fhoillseachadh16 An t-Sultain 2025
Ùghdarras Singilte Eileanach "nas fhaisge na bha e riamh"
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar 2025
"Tha gach sgìre a' toirt air aghaidh modail eadar-dhealaichte a tha a' freagairt air an t-suidheachadh aca fhèin, rud a tha mi a' smaointinn a tha gu math iomchaidh."
"Gu sònraichte ann an coimhearsnachdan eileanach, far a bheil 's dòcha gainnead luchd-obrach ann agus nach urrainn dhut a bhith ri farpais an aghaidh a chèile, feumaidh tu a bhith ag obair còmhla."
"Tha mi a' smaointinn gu bheil cothrom agus farsaingeachd dha-rìribh an sin agus tha sinn airson taic a thoirt dha", thuirt Mgr McKee.
Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, san Iuchar an-uiridh gu bheil planaichean airson modail ùghdarrais shingilte dha na h-Eileanan Siar nas fhaisge air an coileanadh na bha riamh.
Bha An Comh Steele a' bruidhinn an dèidh do Riaghaltas na h-Alba £300,000 a thoirt dhan chomhairle airson na planaichean a thoirt air adhart.