Bliadhna mhath eile do dh'oileanaich Ghàidhlig e-Sgoil

- Air fhoillseachadh
Fhuair 87% de na 92 sgoilearan e-Sgoil a rinn deuchainnean Gàidhlig do dh'fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh bann A am-bliadhna.
Rinn an dà chuid clann-sgoile agus inbhich deuchainnean Nàiseanta 5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach ann an co-bhonn le OGE a Tuath, An Iar, is Innse Gall.
'S ann tro chùrsaichean air-loidhne aig astar a fhuair na tagraichean ionnsachadh bho shianar luchd-teagaisg e-Sgoil a tha stèidhichte air feadh Alba.
Bha 66 inbhich a tha ag ionnsachadh a' chànain nam measg.
Thuirt ceannard na Gàidhlig le e-Sgoil, Laura Howitt: "Tha mi a' cur meal a naidheachd air na h-oileanaich uile agus an luchd-teagaisg airson 's cho math a rinn iad.
"Tha e mìorbhaileach a bhith a' faicinn uair eile gu bheil na cnapan-starra air daoine bho bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig gan toirt air falbh, agus a bhith a' faicinn cho soirbheachail a dh'fhaodadh foghlam air-loidhne a bhith."
Tha an clàradh airson chùrsaichean Gàidhlig e-Sgoil airson na bliadhna sgoile 2024/25 a-nis dùinte, agus am measg nan oileanach tha mòran den fheadhainn a shoirbhich am-bliadhna agus iad an dòchas teisteanas nas àirde fhaighinn.
Tha toraidhean dheuchainnean 2023-24 rim faicinn an seo., taobh a-muigh