Adhbharan misneachd do Mhac an t-Saoir

- Air fhoillseachadh
Thuirt Bob Mac an t-Saoir gun urrainn dha na h-uimhir a thoirt à Open na h-Alba ann am Bearaig a Tuath.
Chrìochnaich an goilfear às an Òban san treas àite air -13, còmhla ri Matt Fitzpatrick, Johnny Keefer is Keita Nakajima.
'S e Tom Kim a bhuannaich an fharpais is e a' crìochnachadh air -17, le Min Woo Lee san dàrna àite air -15.
Bha Mac an t-Saoir ag amas air an fharpais a bhuannachadh airson an dàrna turas ach às dèidh dha tòiseachadh gu math Didòmhnaich le birdie, chaidh cùisean bhuaithe dha le ceithir bogey ann an naoi tuill.
Ged a chaidh aige air cùisean a thionndadh 'son crìochnachadh air 69 air a' cheann thall, 's ann a bha am milleadh air a dhèanamh.
"Feumaidh mi a bhith gu tur onarach - brùideil," thuirt Bob.
"Toiseach-tòiseachaidh math ach an uairsin cus mhearachdan, fada cus mhearachdan.
"Bha mi a' call mo nàdair às dèidh deich tuill, mar sin a bhith a' faighinn air ais fo phar air a' cheann thall, 's e deagh oidhirp a bha sin.
"Cha robh am puttadh agam aig ìre ach san fharsaingeachd 's e deagh fharpais a bh' ann dhomh.
"Feumaidh mi na h-uimhir a thoirt às. Bha an cola-deug mu dheireadh math is tha sin gam mhisneachadh."
Bidh Mac an t-Saoir a-nise a' dèanamh air Royal Birkdale far a bheil an Open a' tòiseachadh Diardaoin.