Dragh mu mar a theich 80,000 bradan

Tuathanas-èisg
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann ghlèidhteachais air dragh a thogail às dèidh dha tighinn am bàrr gun do theich 80,000 bradan òg a bha air an àrach aig tuathanas-èisg air a' Ghàidhealtachd dhan mhuir.

Tha a' bhuidheann Bunait Bhreatainn Uaine ag ràdh gur e adhbhar dragh a th' ann nach tàinig an tubaist a thachair an-uiridh am follais ron seo.

'S ann tro iarrtas a rinn iad fhèin tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a fhuaireadh fios mu dheidhinn.

Bha am bradan air a ghluasad eadar Loch an Inbhir is Arcaibh sa Ghearran an-uiridh nuair a bha an tubaist ann.

Thuirt a' chompanaidh Cooke Scotland - leis an robh an t-iasg - gur e companaidh eile a bha a' gluasad a' bhradain, is gun tàinig e am follais aig an àm gun robh doras ann am bonn a' bhàta nach robh dùinte mar a bha còir.

Thuirt Cooke gun robh am bradan glè òg is gum biodh glè bheag dhiubh air maireachdainn beò.

Tha iad ag ràdh ge-tà, gur e briseadh-dùil mòr a th' ann gun do thachair seo is gur e mearachd a bu choireach.

Thuirt iad gun deach ceumannan a chur an sàs leis a' chompanaidh eile gus nach tachair a leithid a-rithist.

Tha Bunait Bhreatainn Uaine ag ràdh gu bheil iomagain orra nach deach na thachair a dhèanamh poblach, is gu bheil feum air sùil às ùr a thoirt air na riaghailtean a thaobh aithrisean mu bhradan a tha air teicheadh nuair a tha e ga ghluasad eadar làraichean.