Ath-sgrùdadh ga iarraidh air sgeama-taice ola teasachaidh eileanach

- Air fhoillseachadh
Tha BP agus BPA nan Eilean Siar le chèile ag ràdh gum bu chòir dùblachadh a dhèanamh air an taic-airgid a tha ri fhaotainn aig dachaighean a tha an urra ri ola airson an teasachadh aca.
Tha Torcuil Crichton BP agus Dòmhnall MacFhionghain BPA ag iarraidh gun tig an t-airgead a gheibhear suas bho £300 gu £600, ach gum bi e cuideachd ri fhaotainn aig mòran a bharrachd na fhuair e chun an seo.
Tha dragh air na buill-phàrlamaid nach eil daoine a tha airidh air an taic - iadsan air sochairean sòisealta neo peinnsean creideis - a' cur a-steach air a shon.
Thuirt Mgr Crichton: "Tha fios againn gu bheil dàrna leth nan dachaighean a' crochadh air an ola airson blàthachadh nan taighean aca agus chan e nach eil an t-iarrtas ann air a shon."
A rèir àireamhan Riaghaltas na h-Alba shoirbhich le 138 duine a rinn tagradh sna h-Eileanan an Iar, ach cha deach le 297 tagraidhean eile. Tha 20 tagradh fhathast gam measadh.
Ola teasachaidh: brath air a ghabhail air dachannan aig tuath
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar
BP nan Eilean Siar ag iarraidh atharrachadh air sgeama taic na h-ola
- Air fhoillseachadh8 An t-Iuchar
Tha Mgr Crichton airson agus gun tèid coimhead a-rithist air riaghailtean na sgeama agus iad sin "a leudachadh a-mach gus am bi barrachd dhaoine airidh air".
Tha Mgr MacFhionghain air ceistean sgrìobhte a chur air adhart aig Holyrood, a' faighneachd do mhinistearan na tha iad a' dèanamh airson lùghdachadh a thoirt air na tha de thagraidhean a tha gan diùltadh.
Tha e ag ràdh gu bheil cunnart ann nach eil an fheadhainn as fheumaich air taic ga faighinn.
"Chan eil fhios agam carson a tha na h-uimhir nach eil ga fhaighinn agus sin as coireach gu bheil mi ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh cho luath agus a ghabhas air an sgeama."
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach an sgeama a chur air bhonn toiseach cogadh Iran, 's gun deach a dhealbh ann an dòigh a bheir taic dhaibhsan as fheumaiche.
"Chaidh an sgeama a chur air dòigh airson dèanamh cinnteach gun toirear taic do na dachannan as motha a tha a' cur feum air, a' toirt a-steach dhachannan air sochairean sòisealta, agus cuideachd dhachannan a th' ann am bochdainn 's ann an cunnart gearradh air ais air na chleachdas iad de theasachadh iad fhèin.
"Thathas a' sìor chumail sùil air cò tha airidh air an sgeama seo airson dèanamh cinnteach gu bheil e iomchaidh agus cho sìmplidh 's a ghabhas dha daoine a leantainn, 's aig a' cheart àm gu bheil e ag amas air na dachannan as motha ann an èis."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios 2024

- Air fhoillseachadh17 An Dàmhair 2025