Holch Povlsen a' cur an aghaidh ionad-fànais

  • Air fhoillseachadh
Ionad-fànaisTùs an deilbh, Norr Consultants Ltd
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh 3D air mar a dh'fhaodadh an t-Ionad-fànais ann an Dùthaich MhicAoidh a bhith.

Tha teaghlach Holch Povlsen aig a bheil fearann faisg air far a bheilear an dùil ionad-fànais a thogail ann an Dùthaich MhicAoidh, air cùis-lagha a thogail an aghaidh nam planaichean.

Tha uallach air Anders agus Anne Holch Povlsen gun toir an t-ionad droch bhuaidh air an sgìre ghlèidhte timcheall

Tha companaidh an teaghlaich, Wildland LTS, air ath-sgrùdadh laghail iarraidh air mar a thug Comhairle na Gàidhealtachd cead dha na planaichean.

Thuirt a' Chomhairle nach robh iadsan air tagradh fhaighinn 's mar sin chan urrainn dhaibh bruidhinn air.

Saideal

Tha Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) air moladh an t-ionad a thogail airson saidealan beaga a chur suas dha na speuran bho Rubha na Mòine air costa tuath na dùthcha.

Tha iadsan den bheachd gun cruthaicheadh e obraichean is gum biodh e na bhuannachd dhan eaconomaidh.

Chuir 457 neach an aghaidh nam planaichean, le 118 air a shon, nuair a chaidh e air beulaibh Chomhairle na Gàidhealtachd.

Chuir mòran na aghaidh a thaobh na buaidhe a bheireadh e air an àite, a tha air a chomharrachadh mar sgìre ghlèidhte.

Ionad-fànaisTùs an deilbh, HIE
Fo-thiotal an deilbh,

Bhiodh mullach an ionaid air a chòmhdachadh le feur.

Ghabh Comataidh Dealbhachaidh na Comhairle leis na planaichean anns an Ògmhìos agus chuir iad an co-dhùnadh aca gu Riaghaltas na h-Alba airson sgrùdaidh.

Anns an Lùnastal thuirt ministearan an Riaghaltais nach fheumadh iadsan gnothach a ghabhail ris, 's gur ann aig a' Chomhairle fhèin a bu chòir a' chùis a làimhseachadh.

Ath-sgrùdadh

Tha Wildland Eta a-nise air ath-sgrùdadh laghail iarraidh.

Thuirt Àrd-oifigear na companaidh, Tim Kirkwood, gun robh e cudromach gum biodh rannsachadh farsaing air a dhèanamh air a leithid de phlana.

Tha Wildland Eta den bheachd nach robh am fiosrachadh gu lèir aig a' Chomhairle nuair a ghabh iad ris na planaichean

"Chan eil roghainn eile againn ach a dhol airson ath-sgrùdaidh laghail air sgàth 's gu bheil sinn a' smaoinntinn gu bheil easbhaidh anns a' cho-dhùnadh," thuirt e.

Ach tha HIE ag ràdh gun do rinn iad iomadach rannsachadh a thaobh na h-àrainneachd, agus gun robh sin air a chleachdadh mar phàirt den tagradh aca.

Asos

Tha £4.5bn aig Mgr Povlsen ri linn nam bùithdean Asos aige, agus thadhail e air a' Ghàidhealtachd an toiseach anns na 1980an.

Cheannaich e oighreachd Ghleann Fheisidh anns a' Mhonadh Ruadh air £8m ann an 2006.

Bhon uairsin tha e fhèin agus a' bhean air 11 oighreachd eile a' cheannach an Alba, le còrr is 220,000 acaire aca.