Fiosrachadh ga shireadh agus bhana air a goid à Ullapul

Bhana ghlas taobh a-muigh taigheTùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Ford Transit glas a ghoid à Ullapul tràth madainn Disathairne

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh às deidh do bhana a bhith air a goid à Ullapul.

Chaidh bhana Ford Transit glas le clàr àireamh SK22 XCX fhaicinn mu dheireadh agus i air a bhith air a fàgail san sgìre mu thimcheall Sràid Earra-Ghàidheal.

Bha seo timcheall air 11:30f Dihaoine an 4mh den t-Sultain.

Chaidh fios a chur chun nam poileas gun deach a goid mu 2:15f Disathairne an 5mh.

Chaidh dithis fhireannach fhaicinn air clàraidhean CCTV, faisg air tèirmineal aiseig a' bhaile, aig mu 02:50m Disathairne agus coltas amharasach orra.

Chunnacas a-rithist iad mu 03:20m ann an sgìrean Sràid a' Chladaich agus Sràid a' Chidhe.

Bha mu chòig troighean agus ochd òirlich de dh'àirde sa chiad duine.

Bha fhalt dorcha donn 's curlach air agus bha lèine dhorcha air.

Bha an dàrna duine mun aon àirde agus bha e caol 's seacaid dhorcha-ghorm air.

Chaidh bhana Ford Transit ghlas fhaicinn agus i air a slighe deas mu 03:25m Disathairne.

Tha na poilis den bheachd gu bheil a' bhana a-nis ann an Glaschu agus i air a bhith air a faicinn mu dheireadh ann an sgìre Rathad Stobcross, mu 7:45f Disathairne.

Dh'iarr iad air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh, a dhol thuca leis cho luath 's a ghabhas.