Bàs air an A83 an Earra-Ghàidheal

Carbad Poilis
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis na Poilis ann an Earra-Ghàidheal gun deach an gairm gu tubaist-rathaid eadar carbad agus dà mhotar-baidhseagail air an A83 faisg air an Tairbeart beagan an dèidh 12:00f Didòmhnaich.

Chaill fireannach, 61, a bha air motar-baidhseagal a bheatha aig an làraich.

Chaidh fireannach eile a bh' air motar-baidhseagal cuideachd a thoirt a dh'Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealaisaid ann an Glaschu is e air a dhroch leòn.

Dh'fhosgail an rathad a-rithist beagan an dèidh 8:30f oidhche Dhòmhnaich.

Tha na Poilis a' rannsachadh na thachair.

Gleann Comhann

Aig a' cheart àm tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh on phoball an dèidh droch thubaist air an A82 ann an Gleann Comhann.

Thachair an tubaist mu 4:55f an-dè faisg air ceann-rathaid a' B863 eadar motar-baidhseagal dearg agus càr Volvo V90 geal.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm agus thugadh fireannach, 67, a bh' air a' mhotar-baidhseagal, dhan ospadal airson cùram fhaighinn 's e air a dhroch ghoirteachadh.

Chan eil aithrisean ann gun deach duine sam bith eile a ghoirteachadh.

Chaidh an rathad a dhùnadh fhad 's a rinn na Poilis rannsachadh, agus dh'fhosgladh às ùr e mu 01:30m.

"Tha mi ag iarraidh air duine sam bith a bha a' dràibheadh san sgìre aig an àm 's a chunnaic an tubaist, no a chunnaic fear seach fear de na carbadan mus do thachair e, bruidhinn rinn," thuirt an Sgt Kate Finlayson.

"Dh'iarrainn cuideachd orrasan le dealbhan dashcam sealltainn riutha feuch an do chlàir iad càil a dh'fhaodadh ar cuideachadh leis an rannsachadh."

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh fòn a chur gu Poileas Alba air 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 2411 den 19mh là den Iuchar 2026.