Gearanan mu shalachar chon an gàrradh poblach an Steòrnabhagh far am bi clann òg

Craobh le soidhne rithe a tha ag ràdh DOG OWNERS PICK UP OR PAY UPTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Faodaidh càintean stèidhichte a dhol air daoine nach tog salachar an cuid chon

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air daoine salachar an cuid chon a thogail an dèidh àrdachadh air na tha iad a' faighinn de ghearanan bhon phoball air feadh na sgìre.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad le dragh gu h-àraid gu bheil salachar chon ga fhàgail ann an gàrradh beag poblach ann an Corran Chnoc nan Gobhar an Steòrnabhagh.

Bidh clann bho sgoil-àraich a' dol ann tric airson a bhith a' cluich a-muigh agus cur-seachadan ionnsachaidh.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil seo "na chunnart slàinte agus a' fàgail luchd-obrach, phàrantan agus luchd-còmhnaidh troimh-chèile".

Steansail buidhe air cabhsair ag ràdh Clean Up After Your dog le dealbh de neach a' togail salachair an coin Tùs an deilbh, COMHAIRLE NAN EILEAN SIAR
Fo-thiotal an deilbh,

'S e dleastanas laghail a th' ann do dhaoine le coin salachar am peataichean a ghlanadh an-àirde

'S e "dol a-mach gun chùram" a th' ann a rèir Chathraiche Bòrd Sàbhailteachd na Coimhearsnachd le Comhairle nan Eilean Siar, an Comh. Frances Mhoireach.

"Tha a' chuid as motha de dhaoine le coin a' dèanamh mar as còir, ach tha àireamh bheag le buaidh mhòir air a' choimhearsnachd.

"Tha sinn ag iarraidh air a h-uile duine le cù urram a shealltainn do na nàbhaidhean aca agus àitichean poblach, gu h-àraid far am bi clann," thuirt i.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur an cuimhne dhaoine le coin gu bheil e mar dhleastanas laghail orra salachar an cuid pheataichean a thogail, poca a bhith aca airson seo a dhèanamh agus cuidhteas fhaighinn dheth ann an dòigh shàbhailte.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gum bi patròlan a bharrachd ann sna h-àitichean as motha a tha a' dèanamh dragh don phoball.

Faodaidh càintean stèidhichte a dhol air daoine a bhriseas an lagh.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn mun lagh co-cheangailte ri salachar chon agus mar a ghabhas gearan a thogail air làrach-lìn na Comhairle, taobh a-muigh.