Mòd Ghlaschu - "Fad naoi là, bidh cànan is cultar na Gàidhlig ri fhaicinn is ri chluinntinn"

Còisir sa bheil boireannaich agus fireannaich air an èideadh ann am fèilidhean tartain a' dèanamh gàirdeachais le an gàirdeanan suas. Tha iad seachdnar air an glùinean agus cupanan agus cuachan a bhuannaich iad aca Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a' dèanamh gàirdeachais an dèidh dhaibh farpais Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn a bhuannachadh an Loch Abar an-uiridh

  • Air fhoillseachadh

Tha an t-ullachadh mu dheireadh a' dol agus nas lugha na cola-deug ri dhol mus tòisich am Mòd Rìoghail Nàiseanta agus an fhèis Ghàidhlig bhliadhnail a' tilleadh a Ghlaschu airson an 13mh turas.

A bharrachd air na farpaisean, tha gu leòr de chuirmean, taisbeanaidhean agus tachartasan eile do luchd-frithealaidh a' Mhòid.

Am measg na thathar a' gealltainn dhaibh tha oidhche le DJ Gàidhlig, geama ball-coise mar chuimhne air an 'Firhill Flyer' Johnny MacCoinnich aig an robh a' Ghàidhlig, agus consairt anns am bi 50 luchd-ciùil.

Bidh còrr is 2,000 farpaiseach ann agus tha dùil ri mu 10,000 luchd-amhairc thairis air an naoi là a bhios am Mòd a' dol ann an Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu agus 15 làraichean eile sa bhaile.

Bidh cèilidh mhòr ann am Ballroom a' Bharrowland agus na còisirean uile cruinn air Sràid Sauchiehall a' toirt a h-uile càil gu ceann.

Thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Peigi NicIllinnein: "Fad naoi là, bidh cànan agus cultar na Gàidhlig ri fhaicinn, ri chluinntinn, ri sheinn agus ri chomharrachadh air feadh Ghlaschu - tha fadachd oirnn sin a thoirt dhan bhaile."

Gheibhear clàr-ama den a h-uile càil a bhios a' dol an seo, taobh a-muigh.

Bidh am Mòd Rìoghail Nàiseanta air a chumail eadar an 9mh agus an 17mh den Dàmhair.