Chaill neach-cùraim a mhaoidh air seann duine an clàradh proifeastanta

Chaidh Amina Sani fhilmeadh gu dìomhair a' maoidheadh air an duine agus air a chur mun cuairt
- Air fhoillseachadh
Tha neach-cùraim air an clàradh proifeasanta aice a chall an dèidh mar a sheall bhideo a thogadh gu dìomhair i a' magadh air agus a' maoidheadh air fireannach a bha 80 bliadhna de dh'aois agus na leabaidh gun comas coiseachd.
Fhuaireadh gun tuirt Amina Sani, a bhuineas do Nigeria, ris an duine gum faigheadh i na poilis agus gun toireadh i sgleoc dha nuair a dh'fhàs e troimh chèile agus i a' dol a thoirt fras dha an aghaidh a thoil.
Nigh i an duine fhad 's a chùm neach-glanaidh greim air a ghàirdeanan.
Chaidh na thachair aig Dachaigh-cùraim Castlehill ann an Inbhir Nis a chlàradh le camara a chuir nighean an duine air falach, agus nochd am bhideo ann am prògram a' BhBC mu dhraghan theaghlaichean mu inbhe a' chùram sa ghoireas.
Thuirt neach-lagha Amina Sani ri èisteachd mì-ghiùlan Comhairle nan Seirbheisean Sòisealta Albannach nach d' fhuair i trèanadh ceart agus gur e seo a' chiad obair a bh' aice san Rìoghachd Aonaichte.
Piseach aig dachaigh-cùraim Castlehill
- Air fhoillseachadh28 An t-Samhain 2025
Rinn dachaigh-cùraim gearan oifigeil mu bhuidheann-riaghlaidh
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2025
Casaidean de "dhearmad" agus "an-iochd" aig dachaigh-cùraim an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh23 An t-Sultain 2025
Ann am brath, thuirt a' chompanaidh leis a bheil an dachaigh - Morar Living - gun do ghabh iad ceumannan cho luath agus a chuala iad mu na draghan.
Thuirt iad nach robh "fìrinn sam bith" sa chasaid aig Sani nach deach a trèanadh gu dòigheil.
Thuirt iad gu bheil sàbhailteachd agus sunnd an luchd-còmhnaidh na phrìomhachas dhaibh.
'S e Morar Highland ainm na dachaigh a-nis agus chaidh a meas mar "math" san sgrùdadh cùraim mu dheireadh.
Tha èisteachd mu mar a dhèilig neach-cùraim eile, Oluwabunmi Salami, ris an aon fhireannach a' leantainn.
Tha Salami air aideachadh mar tha gun do chuir i suas agus sìos a leabaidh gun rabhadh a thoirt dha agus gun do dh'fhàg sin troimh chèile e.