Dragh an Gallaibh mu lùghdachadh bhòrd slàinte an Alba

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-iomairt slàinte ann an Gallaibh a' togail dragh gum fàg plana Riaghaltas na h-Alba gun ach dà bhòrd-slàinte a bhith an Alba gum bi aig boireannaich às an sgìre a tha trom ri siubhal nas fhaide buileach airson leanabh a bhith aca.
Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear, Iain Swinney air an t-seachdain a chaidh gu bheil dùil aig an Riaghaltas an àireamh de bhùird slàinte air tìr-mòr na h-Alba a ghearradh bho 11 gu dìreach dhà.
Mar a tha cùisean an-dràsta, bho chaidh seirbheisean màthaireil ann an Gallaibh fhèin a ghearradh, tha aig boireannaich na sgìre ri siubhal còrr air 100 mìle gu Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis airson leanabh a bhith aca.
A' bruidhinn ris a' BhBC Didòmhnaich, thuirt Mgr Swinney nach eil e airson 's gum bi aig daoine ri siubhal nas fhaide airson cùraim.
"Chan e sin a tha fa-near dhomh," thuirt Mgr Swinney.
"Niste, an eisimpleir a thug thu dhomh an sin de Ghallaibh - chan e èifeachdaichean a th' air cùlaibh sin, 's chan e cosgaisean, 's e sàbhailteachd euslainteach.
"'S e na tha mi fhèin ag iarraidh a dhèanamh cinnteach, le bhith a' toirt chrìochan bhòrd slàinte air falbh, 's e gum bi uiread 's a ghabhas de sheirbheisean ionadail gan lìbhrigeadh cho faisg air daoine 's a ghabhas."
Dòchas an Gallaibh le ath-sgrùdadh air seirbheisean màthaireil
- Air fhoillseachadh12 An t-Ògmhios
Taic do sheirbheisean màthaireil ann an Gallaibh
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean 2025
Ath-chuinge mu sheirbhisean màthaireil Ghallaibh. Clàr-fuaime, 00:04:08
- Air fhoillseachadh23 Am Màrt 2017
Ach thuirt Cathraiche Buidheann-Gnìomha Slàinte Ghallaibh, Iain Gregory, gu bheil dragh mòr air mu na planaichean agus nach eil e a' faicinn mar a dh'obraicheadh iad.
"Tha dragh mòr orm," thuirt e.
"Tha iad an-dràsta a' siubhal gu Inbhir Nis 's chaidh innse do thè no dithis gum feum iad falbh gu math nas fhaide na sin.
"Thug mi an aire gun tuirt am Prìomh Mhinistear gur e sàbhailteachd euslainteach a th' air cùlaibh seo - ach tha an suidheachadh a th' ann gu math mì-shàbhailte.
"Tha dragh orm gum feum iad a dhol nas fhaide na Inbhir Nis - feumar dèiligeadh ri seo 's feumaidh sinn fiosrachadh cus nas mionaidiche."
Tha dragh air Mgr Gregory gun tig air màthraichean às a' cheann a tuath siubhal gu meadhan na h-Alba air a' cheann thall.
"Tha a bhith a' tarraing smachd chun a' mheadhain a' fàgail nach eil uimhir de sheirbheisean rim faighinn gu h-ionadail," thuirt e.
"Feumaidh sinn cùram slàinte cothromach, ruigsinneach agus air prìs reusanta.
"Cuiridh mi geall gur ann an Glaschu a bhios prìomh oifis aon bhùird slàinte, 's Dùn Èideann am fear eile - 's cha bhi ann ach ùine mus tèid seirbheisean fhèin a tharraing chun a' mheadhain."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean

- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
