Planaichean sitheann a reic air Oighreachd Ghabhsainn

Boireannach le falt goirid, liath agus speuclairean na seasamh air a' mhòinteach.
Fo-thiotal an deilbh,

Agnes Rennie, Cathraiche Urras Oighreachd Ghabhsainn

  • Air fhoillseachadh

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn a' rannsachadh dhòighean air dèiligeadh ri àireamh nam fiadh san sgìre.

Mar phàirt dhen seo, thathas a' coimhead air goireasan a leasachadh gus siatheann a ghiollachd agus a reic air an oighreachd.

A rèir Chathraiche an Urrais, Agnes Rennie, tha dùbhlan mòr mun coinneimh agus na fèidh "air a dhol a-mach à rian cha mhòr, aig amannan dhen bhliadhna."

"Tha fios agam gu bheil daoine a' fàs seachd sgìth dhuibh," thuirt Agnes. "Tha fhios againn gu bheil iad a' dèanamh milleadh."

"Tha iad ag adhbharrachadh thubaistean air an rathad. Ach chan urrainn dhut dìreach a dhol a-mach le gunna agus tòiseachadh gam marbhadh."

Mar oighreachd, 's ann orrasan a tha an t-uallach dèiligeadh ri àireamhan fèidh agus bho chionn ghoirid, sgaoil iad ceisteachan a' faighneachd am biodh ùidh aig daoine ann a bhith ag ithe sìthne nam biodh an leithid ri fhaighinn gu h-ionadail.

Chur e iongnadh mòr orra agus bha iad air an dòigh nuair a fhuair iad còrr is 300 freagairt.

'S e am prìomh rud a thàinig às na toraidhean a rèir Agnes, gum biodh ùidh aig daoine ann an siatheann nam biodh e ri cheannach air an oighreachd.

Fiadh air mòinteach

'S e an ath cheum faicinn mar a ghabhas sin a thoirt air adhart.

Thuirt Agnes: "Aon dhe na rudan a tha sinn air a dhèanamh an t-seachdain seo fhèin, tha sinn air iasad fhaighinn de dh'fhuaradair a th' aig a' bhuidhinn NàdarAlba."

"Tha sin againn a-nis fad an t-samhraidh agus tha sinn gu bhith ag obair còmhla ris an fheadhainn a bhios a' dol a-mach agus a' losgadh air na fèidh."

"Bheir an inneal seo cothrom dhaibhsan tòiseachadh a' marbhadh nas tràithe dhen bhliadhna, nuair a tha na fèidh ann an deagh òrdugh agus math airson am marbhadh."

Tha an t-Urras den bheachd gum faigheadh a' choimhearsnachd grunn bhuannachdan às na planaichean aca.

Bhiodh àireamh nam fiadh air a lùghdachadh leis gum biodh cothrom ann barrachd a spadadh agus bhiodh e furasta do dhaoine feòil fhallain, ionadail fhaighinn.

Ach nochd draghan mu chosgais sna toraidhean cuideachd.

"Rud a bha na chuistean do dhaoine, 's e sin gun robh daoine an dòchas gum biodh i aig prìs a bhiodh ruigsinneach," thuirt Agnes.

"Tric bidh sinn a' smaoineachadh air sitheann mar rud a tha daor."

"Chan eil e a' dol a dh'obrachadh ma bhios sin mar sin agus tha aig an Urras ri smaoineachadh air a h-uile càil a tha sin agus faicinn mar a ghabhas rudeigin seasmhach a chur an cèill."