Leasachadh Talla Scalpaigh a' toirt spionnaidh do mhuinntir an eilein

Talla Coimhearsneachd Scalpaigh agus i an impis fosgladh às ùr
LeAilean MacLeòid
Fear-naideachd Didseatach, Na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Tha obair leasachaidh air goireasan Eilein Scalpaigh a' toirt spionnaidh is togail do mhuinntir an eilein a rèir Chomhairliche na sgìre, Coinneach MacLeòid.

Tha Talla Coimhearsnachd Scalpaigh an impis fosgladh às ùr, às dèidh obair leasachaidh luach faisg air £1m.

Chaidh planaichean a dhealbh gus an t-àite a leasachadh gu mòr, ach chaidh iad suid an dàrna taobh le cosgaidean ag èirigh agus maoineachadh gann.

Fhuair an Comann £650,000 bho Phrògram nan Eilean agus Maoin Carbon Neodrach nan Eilean san t-Samhain an-uiridh, agus chur sin gnothaichean air ais air an casan.

Tha a' bhuidheann coimhearsnachd gu bhith a' ruith Cafaidh trì là san t-seachdain nuair a dh'fhosglas an t-ionad gu h-oifigeil ro dheireadh an t-Samhraidh agus dòchas ann cuideachd gun till clasaichean is cèilidhean dhan ionad.

Gòrdan Ness, Cathraiche Comann Coimhearsnachd Scalpaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Gòrdan Ness, Cathraiche Comann Coimhearsnachd Scalpaigh

Tha bliadhnaichean ann bho thòisich Comann Coimhearsnachd Scalpaigh a thrusadh bheachdan mu dè bu chòir a dhèanamh leis an togalach.

Bha i air a dhol a-mach à cleachdadh gu ìre leis nach robh i dìonach tuilleadh agus cha robh an siostam teasachaidh mar a bha còir.

"Bha sinn an dòchas an toiseach fada a bharrachd a dhèanamh na th' againn an-diugh," dh'innis Cathraiche Comann Coimhearsnachd Scalpaigh, Gòrdan Ness.

"Bha sinn airson an goireas a leudachadh, ach anns an t-saoghal anns a bheil sinn agus na cosgaisean mar a tha iad, cha ghabhadh sin a dhèanamh.

"Bha againn an uairsin ri coimhead air Plana B, ach fiù sin, chlisg sinn nuair a fhuair sinn a' phrìs an toiseach."

Fhuair am pròiseact taic maoineachaidh airson a' mhòr-chuid den obair an-uiridh, ach uile gu lèir chosg an obair-leasachaidh mu £950,000.

Chaidh an obair a dhèanamh taobh a-staigh seachd mìosan, ach chan eil sin a' ciallachadh nach robh cnapan-starra ann.

"Cha b' e ath-sgeadachadh a bh' ann ach ath-thogail gu ìre mhòir.

"Bha tuill ann am mullach an togalaich, fiodh a bh' air grodadh, às dèidh 30 bliadhna na sheasamh an seo ann an Scalpaigh, bha e na ionghnadh gun robh an togalach fhathast na sheasamh.

Julie Milne, air an taobh clì, a' sealltainn na goireasan ùra do luchd-tadhail
Fo-thiotal an deilbh,

Julie Milne, air an taobh clì, a' sealltainn nan goireasan ùra do luchd-tadhail

Tha cùisean air bun-stèidh tòrr nas fheàrr a-nise, le gach pàirt den togalach air obair fhaighinn.

Tha 27 panail-grèine os cionn a' mhullaich ùir, le uinneagan, dorsan is stuthan-glèidhidh teas uile a' fàgail gu bheil an taobh a-staigh tòrr nas chomhurtaile na bha roimhe.

Na bhroinn, bidh tachartasan agus clasaichean mar a chleachd, ach tha Julie Milne, Manaidsear Thachartasan is Leasachaidh a' Chomainn Choimhearsnachd, gu bhith ga fhosgladh mar chafaidh cuideachd.

"Tha sinn airson a' choimhearsnachd a thoirt a-steach, luchd-turais, a h-uile duine a thoirt còmhla," thuirt i.

"Tha sinn ag iarraidh gum bi tòrr a' dol. Tha uallach an lùib sin is a h-uile duine a' coimhead air dè tha a' tachairt, ach aig an aon àm, tha ùidh mhòr aig daoine an seo anns a' ghoireas aca - 's ann dhaibhsan a tha e air a' cheann thall, agus le sin tha sinn a' faireachdinn na taic bhuapa cuideachd."

Seann Sgoil Scalpaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha seann Sgoil Scalpaigh air taobh thall an rathaid bhon Talla, agus feumach air obair-càraidh

Rugadh is thogadh an Comh Coinneach MacLeòid ann an Scalpaigh agus e a-nis a' riochdachadh an eilein - agus an còrr de na Hearadh - is e air tilleadh a dh'fhuireach ann.

Tha esan a' cur fàilte mhòir air an obair-leasachaidh.

"Bha e gu math trang thar nam bliadhnaichean nuair a chaidh a thogail an toiseach ach dh'fhàs e aosta, cha robh e cho dìonach agus bha e gu math fuar.

"Bha e a' cur daoine dheth bho bhith a' tighinn ann ach a-nise tha àite againn far an urrain dhuinn cruinneachadh."

Tha dòchas ann a-nise nach e seo deireadh an obair-leasachaidh air an eilean.

"Chaidh an raon-cluiche a dhèanamh an-àirde, chaidh an t-àite-cluiche ball-coise a dhèanamh an-àirde agus fhuair sinn an t-airgead airson seo a dhèanamh an-àirde.

"An ath rud a bhios a' tachairt anns a' choimhearsnachd, 's e an t-seann sgoil a tha air a ceannach le buidheann coimhearsnachd agus leis an sin bidh brosnachadh mòr ann am meadhan a' bhaile ann a' sheo.

"Tha a' choimhearsnachd a' faicinn rudan a' tachairt agus tha sin a' toirt spionnaidh agus togail dhan a h-uile duine."

Talla Coimhearsneachd Scalpaigh agus a' ghrian a' dol fodha air a cùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Talla ri oir na mara anns an Acarsaid a Tuath ann an Scalpaigh