Tubaist air an A82 an Loch Abar

Carbad phoilis
  • Air fhoillseachadh

Bha an A82 dùinte còrr air sia uairean de thìde gu leth Diluain an dèidh tubaiste eadar dà charbad faisg air Drochaid an Aonachain.

Thachair an tubaist, anns a bheileas a' tuigsinn gun robh motar-baidhseagal an sàs, mu 7:00f Diluain.

Dh'fhosgail an rathad a-rithist mu 01:30m Dimàirt an dèidh do na Poilis rannsachadh a chrìochnachadh.

Chan eil fios air tighinn bho na seirbheisean èiginneach aig an ìre seo co-dhiù chaidh duine a ghoirteachadh.