Malaig troimhe ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

Cupa Amaitearach na GàidhealtachdTùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Rinn Malaig eachdraidh is iad air iar-chuairt dheireannach Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd a ruighinn 'son a' chiad turas.

Bha Malaig air dheireadh trì tursan an aghaidh Wick Groats ach thill iad gach turas mus deach iad fhèin air thoiseach anns na diogan mu dheireadh.

Chrìochnaich an geama 4-3 is Malaig a-nise gus cluich an aghaidh Golspie Stafford san iar-chuairt dheireannaich.

Rinn Goilspidh fhèin adhartas Disathairne nuair a chuir iadsan Athletic Steòrnbhaigh a-mach 2-1.

'S iad Aths an sgioba mu dheireadh às na h-Eileanan an Iar a bha air fhàgail san fharpais.

Sa gheama eile Disathairne rinn Black Rock Rovers a' chùis 6-3 air Abhach is bidh iadsan a-nise an aghaidh Whalsay san iar-chuairt dheireannaich.

Ann an Leòdhas fhèin Disathairne chrìochnaich an geama càirdeil eadar an sgioba thaghte is Clach co-ionnan 2-2.

Ann an Uibhist is Barraigh 's iad Barraigh a bhuannaich Cupa an t-Samhraidh.

Rinn na Barraich a' chùis 3-2 air Uibhist a Tuath sa chuairt dheireannaich.

Agus ann an Cupa Rois Disathairne rinn Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich a' chùis air a' Ghearasdan 2-1.

Bidh na ciad gheamaichean san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich ann oidhche Luain.

Bidh Na Hearadh an aghaidh An Rubha agus An Taobh Siar an aghaidh A' Bhac.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte