Prògram Blas air fhoillseachadh

Cur air bhog prògram Blas aig Caisteal Inbhir NisTùs an deilbh, Neil G Paterson
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh am prògram a chur air bhog aig tachartas ann an Caisteal Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Bidh còmhraidhean le seòid chultarail agus cuairt dràma le cleasaichean òga am measg na bhios a' dol aig fèis Blas na bliadhna seo, 's prògram na fèise a-niste air fhoillseachadh.

Le "Còmhraidhean aig a' Chaisteal", bidh Ingir NicEanraig à Loch Abar a' bruidhinn ri cuid a tha gu math aithnichte ann an saoghal cultar na Gàidhealtachd, a bharrachd air a bhith a' cluich.

Nam measg, bidh i a' còmhradh ris an t-seinneadair thraidiseanta Maighread Stiùbhart, agus am fìdhlear is oide fìdhle Canadianach Stan Chapman.

Bidh cuideachd ceathrar chleasaichean òga a' faighinn cothrom a dhol air chuairt timcheall na Gàidhealtachd.

Sin a thuilleadh air mu 30 consairt thall 's a-bhos ann am bailtean beag is mòr air feadh na sgìre.

Loch MaRuibheTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Coltaichidh cuid Faoinsgeul Loch MaRuibhe ri Romeo and Juliet...

Chaidh am prògram fhoillseachadh aig tachartas aig Caisteal Inbhir Nis Dimàirt.

"Tha fèis gu math làn gu bhith againn am-bliadhna," thuirt ceannard na fèise, Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.

"Tha sinn gu math toilichte gu bheil sinn a' cur fàilte air ais air Kathleen NicAonghais am-bliadhna, tha Charlie McKerron gu bhith againn, tha Kim Carnie, Mairearad Green.

"Tha Gary Innes agus Eoghain MacEanraig a' comharrachadh 20 bliadhna am-bliadhna 's tha trì cuirmean acasan aig Blas.

"Cuideachd tha Sian gu bhith againn. Chaidh Sian a chur air dòigh mar chòmhlan bho chionn deich bliadhna aig Blas agus tha iad a' tilleadh."

Graham MacCoinnichTùs an deilbh, Fèisean nan Gàidheal
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh obair ùr a choimiseanadh bhon fhìdhlear Graham MacCoinnich airson Blas na bliadhna seo

'S i seo an 22na bliadhna a tha Blas air a bhith a' dol, agus le Fèis Rois a' comharrachadh 40 bliadhna am-bliadhna, thèid tachartas sònraichte a chumail aig Eden Court ann an Inbhir Nis le còrr is 100 ceòladair a' sealltainn cho mòr 's a thug an fhèis sin buaidh air daoine bho thòisich e.

Nam measg bidh Innes White, Lauren NicColla, Mairearad Green, Raonaid Walker, Mischa Nic a' Phearsain, Conal McDonagh, Graham MacCoinnich agus mòran eile.

Bidh cuideachd Calum MacColla agus Mànran a' nochdadh aig fèis na bliadhna seo.

Tha cuideachd seann sgeulachd o thaobh siar Rois gu bhith a' nochdadh ann an riochd ciùil air a choimiseanadh bhon fhìdhlear is cumadair ciùil Graham MacCoinnich.

Tha Graham air ceòl ùr a chruthachadh agus air dreach ùr a chur air òran Gàidhlig airson Faoinsgeul Loch MaRuibhe innse - sgeulachd a tha cuid a' coltachadh ri Romeo and Juliet.

Bidh Blas a' dol eadar an 4mh agus an 12na là den t-Sultain.