Dòchas gun tig Mòd ionadail an cois phlana ùr Ghàidhlig Comhairle Mhoireibh

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Mhoireibh air Plana Gàidhlig fhoillseachadh airson an ath chòig bliadhna airson an cànan a chur air adhart agus a ghlèidheadh san sgìre.
Fo reachdas nàiseanta, feumaidh a h-uile ùghdarras ionadail an Alba planaichean a bhith aca airson cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.
Bha cuid de chomhairlichean a' cur an aghaidh a' phlana mu dheireadh a bh' ann.
Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle Mhoireibh, an Comh Kathleen Robasdan: "Tha am plana seo a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' coileanadh ar dleastanasan reachdail agus ag aithneachadh aig a' cheart àm eachdraidh na Gàidhlig ann am Moireibh."
Tha an Comunn Gàidhealach ag ràdh gu bheil iad air an dòigh gu bheil plana "airson a' Ghàidhlig a leasachadh san sgìre".
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a' Chomuinn: "Tha sinn an dòchas gur e brosnachadh a bhios ann airson Mòd ionadail a stèidheachadh san sgìre."
Bha mòran a' bruidhinn na Gàidhlig am Moireibh suas gu deireadh na h-18mh Linne agus tha grunn ainmean-àite a' dearbhadh sin.
Tha luchd-strì na Gàidhlig ann am Moireibh a' cur fàilte air a' phlana.
Thuirt Cathraiche Buidheann Gàidhlig Mhoireibh, Mìcheal McClafferty: "Bidh iad ag ràdh gu bheil anam aig gach cànan agus tha sin fìor mun Ghàidhlig an seo.
"Mar shaor-thoilich tha sinn taingeil dhan a h-uile duine a tha a' cuideachadh ann a bhith a' togail ìomhaigh na Gàidhlig agus tha sinn a' faicinn gu bheil miann mòr ann an cànan ionnsachadh agus a dhol gu tachartasan cultarail a tha a' toirt tlachd do dhaoine."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 Am Màrt 2017