Caolas na Hearadh gu bhith às aonais aiseig gu faisg air deireadh na Sultaine

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthain nach bi aiseag chàraichean air an t-slighe eadar an t-Òb agus Beàrnaraigh chun an 28mh den t-Sultain.
Tha am bàta a tha air an t-slighe gu h-àbhaisteach, an Loch Portain, ann an Grianaig is trioblaidean air a bhith aice bho chaidh na ceithir einseannan ùrachadh.
Tha na h-einnseanan ùra ag adhbarachadh crith sna bogsaichean-gèar aice agus tha luchd-einseanairidh ag obair oirre feuch fuasgladh a lorg.
Tha Cal Mac air innse ge-tà gur e an Loch Bhrusda a bhios air an t-slighe bhon 28mh den mhìos agus tha iad ag obair air planaichean airson clàr-ama a' gheamhraidh atharrachadh air eagal 's nach bi an Loch Portain air a chàradh ann an ùine.
Tha clàr-ama an t-samhraidh aig CalMac a' tighinn gu ceann air an 18mh den Dàmhair agus dh'fhoillsich iad am plana a leanas:
An Glen Sannox air slighe eadar an Tairbeart agus Loch nam Madadh, le seirbheis do luchd-coiseachd is luchd-baidhsagal a-mhàin air soitheach beag eadar an t-Òb agus cidhe Bheàrnaraigh chun an 27mh den t-Sultain
An Loch Bhrusda air slighe Caolas na Hearadh bhon 28mh den t-Sultain gu deireadh clàr-ama an t-samhraidh, ach cha dèan i ach trì seòlaidhean air is air adhart nuair a bhios solas an là ann
San eadar-ama, tha a' chompanaidh aiseig air soitheach eile fhastadh a bheir luchd-siubhail air chois thar Caolas na Hearadh.
Thuirt neach-labhairt ChalMac gun robh iad ag aithneachadh cho cudromach 's a tha an t-seirbheis eadar na h-eileanan do choimhearsnachdan.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh an dìchill seirbheis cho cinnteach agus a ghabhas do luchd-siubhail a thoirt seachad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An t-Ògmhios

- Air fhoillseachadh26 An t-Sultain 2025

- Air fhoillseachadh27 Am Faoilleach
