Iomairt chobhair air pàigheadh mhaor-cladaich shaor-toileach

- Air fhoillseachadh
Thuirt am Prìomhaire gu bheil obair a' leantainn gus fuasgladh a lorg ann an connspaid mun phàigheadh aig maoir-chladaich shaor-thoileach.
Tha mì-thoileachas air a bhith ann an dèidh dha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich moladh gun tèid sgur gam pàigheadh airson a bhith a' freagairt ghairmean èiginneach.
Tha e air a bhith comasach do dh'oifigearan saor-thoileach £11 gach uair fhaighinn airson na h-obrach - gach cuid a' freagairt ghairmean agus a' trèanadh - ach bhon t-Sultain a-mach cha tèid am pàigheadh tuilleadh, an dèidh riaghladh cùirte.
Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich gu bheil an riaghladh sin a' ciallachadh gum feum iad mar a tha an t-seirbheis ga ruith atharrachadh.
Fo mholadh ùr air a bheil co-chomhairle ga dèanamh, gheibheadh iad an cuid chosgaisean air ais a-mhàin.
Tha BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, am measg bhall a th' air càineadh a dhèanamh air na planaichean.
"Nuair a bhruidhinn mi ri maoir-chladaich shaor-thoileach ann an Steòrnabhagh agus air feadh nan Eilean Siar, 's e an teachdaireachd a bh' aca a bhith a' cur stad rè ùine air a' cho-chomhairle seo, a dhol air ais 's a dh'èisteachd ri oifigearan, ris an obair riatanach a bhios iad a' dèanamh," thuirt Mgr Crichton.
"Chan e a-mhàin ann an teasairginn cladaich, ach ann a bhith a' toirt luchd-cùraim agus luchd-obrach èiginneach gu seann daoine ann an èis."
Freagairtean
Chuir BP Arcaibh is Sealtainn, Alasdair MacIlleMhìcheil, ceist air Sir Keir Starmer mun chùis aig Westminster Diciadain.
Bha Mgr MacIlleMhìcheil air a ràdh gum bu chòir an lagh atharrachadh airson saor-thoileachd mhaor-cladaich a ghlèidheadh mar a tha iad, ma 's e sin a tha a dhìth.
Gheall am Prìomhaire gu bheil an riaghaltas mothachail air an t-suidheachadh.
"'S e gnothach cudromach a tha seo is tha mi 'son moladh a dhèanamh air na saor-thoilich agus taing a thoirt dhaibh," thuirt Sir Keir.
"Tha ministearan ag obair air seo le gach buidheann a tha an sàs gus freagairtean fhaighinn dha na draghan a tha air nochdadh.
"Tha e cianail fhèin cudromach gum faigh sinn seo ceart", thuirt e.