"Coimhead air Gallaibh mar eilean"

Ospadal GhallaibhTùs an deilbh, JThomas/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann-iomairt an ceann a tuath na h-Alba ag iarraidh gun tèid coimhead air Gallaibh mar "eilean" airson dèanamh cinnteach gum faigh iad na seirbheisean slàinte a tha a dhìth aig gach àm den bhliadhna.

Tha seo an dèidh mar a chaidh an A9 san sgìre a dhùnadh ri linn na droch shìde air an t-seachdain a chaidh.

Chaidh an A9 a dhùnadh cha mhòr fad latha Diardaoin-sa chaidh aig Bearghadal, a bharrachd air grunn rathaidean eile san sgìre air sàilleibh fior dhroch shneachda.

Tha dragh air luchd-iomairt gun tèid beatha dhaoine a chur ann an cunnart ma thachras an leithid a-rithist.

Thuirt cathraiche na buidhne-iomairt, Ron Guinne, a tha cuideachd na chomhairliche, gun do sheall an suidheachadh an t-seachdain a chaidh gum bu chòir seirbheisean slàinte a bhith stèidhichte anns an sgìre ma ghabhas sin dèanamh.

Bha Mgr Guinne a' togail gu h-àraid air seirbheisean màthaireachd is mar a th' aig boireannaich ri siubhail a dh'Inbhir Nis glè thric airson pàistean a bhith aca.

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' tuigsinn nan draghan a tha an lùib droch shìde.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil planaichean an sàs airson dèiligeadh ri suidheachaidhean far a bheil an droch shìde a' toirt buaidh le heileacoptairean ann ma tha iad a dhìth.

Thuirt neach-labhairt bhon t-seirbheis gun robh ath-sgrùdadh a' leantainn mu na seirbheisean slàinte ann an Gallaibh.