Dh'fhaodadh gun lean trioblaidean aig Port-Adhair Inbhir Nis 'seachdainean'

Port-Adhair Inbhir NisTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mu mhillean neach a' siubhal tro Phort-Adhair Inbhir Nis a h-uile bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Tha Puirt-Adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean (Hial) ag ràdh gur dòcha gun lean na trioblaidean a th' aca a thaobh luchd-obrach airson seachdainean ri thighinn fhathast.

Bha buaidh air seirbheisean air an deireadh-sheachdain an dèidh mar a b' fheudar HIAL an t-seirbheis iùil aca a dhùnadh rè ùine air sgàth "trioblaidean luchd-obrach ris nach robh dùil".

Thuirt iad gum biodh aca ri sin a dhèanamh bho àm gu àm sna seachdainean air thoiseach oirnn.

Dh'iarr iad air luchd-siubhail am fiosrachadh as ùire fhaighinn bho na companaidhean adhair aca.

Bidh mu 1,000,000 duine a' siubhal tron phort-adhair aig Dealganros, faisg air Inbhir Nis, a h-uile bliadhna.

Bidh iad a' sgèith chun nan Eilean Siar, Arcaibh, Sealtainn, Heathrow, Gatwick, Bristol, Manchester agus Amsterdam.

Air an deireadh-sheachdain a chaidh ràinig farpaisich an t-sreath ùir de phrògram a' BhBC The Celebrity Traitors a tha ga fhilmeadh aig Caisteal Àird Rois tuath air Inbhir Nis.

Cha tuirt HIAL dè as coireach ris na duilgheadasan le luchd-obrach.

Thuirt neach-labhairt: "Tha na trioblaidean luchd-obrach aig Port-Adhair Inbhir Nis a' leantainn agus bidh e a' ciallachadh gum feum sinn dùnadh rè ùine sna seachdainean ri thighinn.

"Nì sinn ar dìcheall, cho fada 's as urrainn dhuinn, dùnadh a rèir nan clàran-ama - ach 's dòcha nach gabh seo dèanamh uaireannan agus gun toir e buaidh air cuid de sheirbheisean."

"Tha sinn a' tabhainn leisgeul airson na troimh-chèile a tha seo ag adhbharachadh.

"Bu chòir do luchd-siubhail bruidhinn gu dìreach ris a' chompanaidh adhair aca airson am fiosrachadh as ùire fhaighinn."