Naidheachdan 11:00m
Iran
Thuirt ministear cèin Iran gu bheil na tha a' tachairt ann an Caolas Hormuz an-dràsta a' dearbhadh nach dèan cogadh fuasgladh air èiginn phoileataigeach agus nach eil an t-sabaid ach a' tòiseachadh às ùr. Bha Iran agus na Stàitean Aonaichte a' losgadh air a chèile san sgìre an-dè an dèidh dhan Cheann-suidhe Trump innse gum bi na h-Aimeireaganaich a' treòrachadh shoithichean marsanta tron chaolas.
Gràin air Iùdhaich
Tha Sir Keir Starmer os cionn coinneimh aig Sràid Downing an-drasta ann an oidhirp dèiligeadh ri gràin air Iùdhaich an dèidh sreath ionnsaighean air a' choimhearsnachd Iùdhach bho chionn ghoirid. Chaidh dithis Iùdhach a ghoirteachadh ann an ionnsaigh sgeine ann an Golders Green ann an ceann an iar-thuath Lunnainn an t-seachdain seo chaidh.
Teine
Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm tràth sa mhadainn an-diugh gu teine aig sionagog nach eileas a' cleachdadh tuilleadh air taobh sear Lunnainn. Tha poilis a' rannsachadh na cùise ach tha am buidheann tèarainteachd Iùdhach, Shomrim, ag ràdh gu bheil coltas air dealbhan CCTV gur ann a dh'aona-gnothaich a chaidh teine a chur ris an togalach.
Tràilleachd
Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil tràilleachd san Rìoghachd Aonaichte aig an ìre as àirde riamh agus gur ann nas miosa dh'fhàsas sin san ath dheich bliadhna. Ghabh an rannsachadh a rinn Coimiseanair na Tràilleachd, Eleanor Lyons, fianais bho chòrr 's 50 buidheann. Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil iad a' dèanamh adhartais ann an dearbhadh cò a tha a' fulang agus ann a bhith a' cur dìon orra sin.
Tiriodh
Tha dùil ri làraidh connaidh ann an Tiriodh an-diugh far an robh peatral gus teiriginn. Aon uair 's gun tèid na tancaichean aig stèisean Chrosabail a lìonadh bidh cead aig muinntir an eilein na thogras iad de pheatral a cheannach an dèidh cuibhreannachadh orra bho chionn ghoirid.
Bhèipig
Tha rannsachadh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann ag ràdh gun tàinig àrdachadh mòr air an àireimh àiteachan a tha a' reic vapes ann an Alba. Thairis air còig bliadhna thòisich a thrì uimhir de bhùthainnean a' reic stuthan vape anns na coimhearsnachdan as bochda seach anns na sgìrean as fheàrr dheth.