Deasbad às ùr mu thunailean

  • Air fhoillseachadh
TunailTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tunail anns na h-Eileanan Fàrach.

Tha deasbad às ùr ann mu thunailean a chur an àite bhàtaichean-aiseig eadar eileanan na h-Alba agus tìr-mòr is ministear an Riaghaltas Westminster air ùidh a shealltainn ann.

Tha Iain Stewart BP, Ministear na h-Alba, dìreach air tilleadh à turas dha na h-Eilean Fàrach.

Thuirt e gu bheil na tunailean a th' aca an sin a' dearbhadh na ghabhas dèanamh agus gum faodadh buannachd eaconamach agus sòisealta a thoirt do choimhearsnachdan dùthchail.

Dh'innis e gu bheil "inntinn fosgailte" mun chùis agus dh'aidich e gum biodh tunailean gu math cosgail, ach gum bu chòir beachdachadh orra ann an Alba is trioblaidean ann le aiseagan a tha a' fàs sean is gun bhàtaichean ùra gu leòr a' dol nan àite.

Am measg na chuir fàilte air beachdan Mhgr Stiùbhart, bha BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, a tha air taic a chur ri tunailean ron seo.

"Tha barrachd aiseagan againn a' seòladh, a' tarraing barrachd dhaoine agus barrachd chàraichean aig prìosan nas saoire na bha iad riamh ach chan eil sin gu diofar, lìonaidh na bàtaichean.

"Cha bhi bàtaichean gu leòr ann uair sam bith. Nuair a bhios tunailean ann bidh iad a' tarraing fada a bharrachd na bàtaichean.

Staing

"Feumaidh sinn ceann a ghluasad air falbh bho bhàtaichean. Chì sinn anns na h-eileanan far an deach cabhsairean is drochaidean a thogail, cha thilleadh iadsan air ais gu suidheachadh far am biodh iad an eisimeil bàta tuilleadh.

"Tha là nam bàtaichean ann an dòigh a' falbh bhuainn. Tha na Fàraich air thoiseach oirnn. Mu dheireadh tachraidh e ach 's e a' cheist cuine", thuirt e.

Dh'aidich Mgr MacNèill gum feum Riaghaltas na h-Alba dèiligeadh ri staing nan aiseagan, ach thuirt e gum bi feum an còmhnaidh air bàtaichean ùra.

Thog Cathraiche an Leasachaidh Sheasmhaich aig Comhairle nan Eilean Siar teagamhan mun bheachd.

Tha an Comh. Dòmhnall Crichton a' cumail a-mach gu bheil e nas deatamaiche an-dràsta dèiligeadh ri suidheachadh nan aiseagan is trioblaidean air a bhith a' bualadh air lìonra ChalMac tric is minig.

"Chan eil fios agamsa a bheil iarrtas sam bith air an son (tunailean) aig an àm seo", thuirt an Comh. Crichton.

"'S e prìomh amas sluagh nan Eilean Siar seirbheisean aiseig a tha seasmhach agus a tha a' toirt seirbheis mhath seachad.

Prìomhachas

"Chan eil sin againn an-drasta agus sin am prìomh amas a th' againn mar chomhairle aig an àm a tha seo", thuirt e.

Dh'innis an Comh. Crichton gur dòcha gun tigeadh là nan tunailean ach nach e seo an t-àm.

"Dh'fhaodadh gun tachair e ach dh'fheumadh rannsachadh mòr a bhith air a dhèanamh is tha cosgais mhòr na lùib. Dh'fheumadh conaltradh a bhith ann dè am beachd a th' aig sluagh nan Eilean.

"Chan eil iarrtas aig an àm seo air a bhith ann ach dh'fhaodadh rannsachadh a bhith ann anns na bliadhnaichean a th' air thoiseach.

"Ach cha bu chòir seo a bhith a' toirt air falbh bhon phrìomhachas a th' againn an-dràsta - ag iarraidh seirbheis aiseig a tha ceart agus a' toirt seirbheis mhath seachad dha na h-Eileanan.

"Bu chòir am ball-pàrlamaid cleachdadh a thìde agus an dreuchd a th' aige airson sabaid 'son sheirbheisean ceart 'son nan aiseagan againn. Bu chòir dha a dhol air a chasan mu dheidhinn seo", thuirt e.

Dh'innis an Comh. Crichton gu bheil dragh air mu mhìosan an t-samhraidh is gum bu troimh-chèile air lìonra nan aiseagan.