Taic dhidseatach dhan Ghàidhlig air fàire

  • Air fhoillseachadh
CoimpiutairTùs an deilbh, Getty Images

Tha buidheann rannsachaidh a tha air teicneòlas a chruthachadh a nì eadar-theangachadh beò air a' Ghàidhlig ag ràdh gun gabh a chur gu feum an taobh a-staigh dà bhliadhna.

Chaidh a dhealbhachadh le Buidheann Rannsachaidh Algairimeach na Gaidhlig (GARG), buidheann rannsachaidh eadar-nàiseanta.

Tha e aig ìre pìleit an-dràsta agus tha a' bhuidheann air obrachadh air diofar dhòighean gus fo-thiotalan Gàidhlig a dhèanamh thairis air diofar seòrsa mheadhanan beò, agus tha iad ag amas air a leudachadh le taic bhon riaghaltas.

"'S e an t-amas a bhith a' leasachadh teicneòlais airson luchd-cleachdaidh na Gàidhlig", thuirt an Dtr Uilleam Lamb bhon bhuidhinn.

Èifeachdach

"Tha sinn air diofar seòrsa teicneòlais a chruthachadh a leithid 'An Gocair', sin uidheamachd a bhios a' ceartachadh teacsa Gàidhlig sam bith gu GOC - Gàidhlig Orthographic Conventions.

"'S e th' ann ach dearbhair litreachaidh gu math luath agus gu math èifeachdach airson a' mhòr-chuid de rudan co-dhiù.

"A bharrachd air a sin, siostam aithneachaidh cainnte a bhios ag èisteachd ri Gàidhlig agus i ga bruidhinn agus an uair sin ga sgrìobhadh sìos mar theacsa", thuirt e.

Tha dùil gum biodh an goireas feumail do sgoiltean, oilthighean agus na meadhanan airson fo-thiotalan a dhèanamh aig astar nas luaithe.