Naidheachdan 10:00m

Cogadh na h-Ugràin

Tha an Ruis air sreath ionnsaighean a thoirt air bailtean air feadh na h-Ugràin. Thuirt na h-ùghdarrasan ann an sin gun deach co-dhiu trì duine deug a mharbhadh agus gun deach còrr air 100 eile a ghoirteachadh agus gun robh clann nam measg.

Peadar Murrell

Tha seann àrd-oifigear Partaidh Nàiseanta na h-Alba Peadar Murrell a' nochdadh anns an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann dìreach an-dràsta fhèin. Thèid aithris sgrìobhte a leughadh a-mach ag innse mar a ghoid e còrr air £440,000 bhon phartaidh thairis air dusan bliadhna. Dh'aidich e chiont an t-seachdain seo chaidh. Nochdaidh e a-rithist ann an trì seachdainnean nuair a thèid binn a chur air.

El Nino

Tha eòlaichean saidheans air rabhadh a thoirt gum faodadh aon de na pàtrain aimsire El Nino as cumhachdaiche bho thòisichear gan clàradh tighinn air adhart sa Chuan Shèimh am-bliadhna. Ged nach fhairicheamaid buaidh El Nino cho mòr sin san dùthaich seo, tha e ag adhbhrachadh aimsire tòrr nas teotha agus nas tiorma ann an àiteachan eile air feadh an t-saoghail agus cuideachd sìde tòrr nas fluiche ann an sgìrean eile.

Dealbhan camara bothaige

Tha poilis air dealbhan camara bothaige fhoillseachadh do dh'oifigearan a' cur oileanach a bh' air a bhith air a shàthadh ann an glasan-làimhe. Anns a' bhideo, cluinnear Henry Nowak, a bha 18, ag ràdh gun deach a shàthadh agus nach b' urrainn dha anail a tharraing. Chaidh binn beatha air Vickrum Digwa airson a mhurt. Bha esan air a bhith a' cumail a-mach gun tug Mgr Nowak ionnsaigh gràin-cinnidh air.

NC500

Thug slighe an North Coast 500 cha mhòr £100m de bhuannachd dhan sgìre an-uiridh a rèir aithisg ùir. Ach tha an aithisg cuideachd a' togail air dùbhlain a tha mu choinneimh choimhearsnachdan a tha a' fuireach air an t-slighe - leithid sgudal a bhith air fhàgail, milleadh air an àrainneachd agus cuideachd dràibheadh cunnartach. Thèid buidheann-stiùiridh a chur air dòigh airson coimhead air leasachadh airson na slighe.