Luaithreachan Comhairle na Gàidhealtachd an t-siathamh fear as daoire am Breatainn

  • Air fhoillseachadh
Coinneal agus cisteTùs an deilbh, Getty Images

Tha àrd-phearsa Eaglais na h-Alba a' fàgail orra gur e Comhairle na Gàidhealtachd as coireach ri bochdainn tiodhlaigidh san sgìre.

Nochd seann mhoderàtair Eaglais na h-Alba, am Fìor Urramach Susan Brown, a beachd an dèidh mar a fhuair sgrùdadh a rinn am BBC gur ann an Inbhir Nis a bha an t-siathamh luaithreachan as daoire am Breatainn air fad.

A rèir an rannsachaidh, tha an luaithreachan comhairle as daoire san Rìoghachd Aonaichte ann am Milton Keynes.

Feumaidh teaghlaichean an sin co-dhiù £960 a phàigheadh.

Bochdainn tiodhlaigidh

Air a' Ghàidhealtachd tha e a' cosg £931 aig a' char as lugha do dhaoine - sin mus feum iad airgead a chur a-mach air ciste, dìtheanan, organaiche agus carbad-tiodhlaigidh.

Chuir comhairlichean Gàidhealach an-àirde na prìsean 92% thairis air a' chòig bliadhna a dh'fhalbh.

Tha am Fìor Urramach Susan Brown a' fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gun do dh'adhbhraich iad bochdainn tiodhlaigidh le bhith ag iarraidh suim cho mòr, a tha faisg air £300 a bharrachd na dh'fheumas daoine ann an Glaschu a phàigheadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun do dh'fhoillsich iad leabhran sa bheil fiosrachadh mu na sochairean a gheibh daoine a th'air luchd-dàimh neo caraid a chall.