Seirbheisean màthaireil Ghallaibh
- Air fhoillseachadh

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' dol a chur an structair ùir airson seirbheisean màthaireil ann an Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige ann an àite nas tràithe na bha dùil ri linn gainnead luchd-obrach.
Bha dùil gun deadh an structar ùr an sàs ron Ghiblean ach tòisichidh an t-seirbheis le mnathan-glùine os a cionn a-nis air an 30mh den Fhaoilleach.
Tha fearg air luchd-strì 's dragh orra gu bheil seirbheisean san sgìre gan lùghdachadh.
Thuige seo tha àrd-lighichean obstetrician air a bhith stèidhichte aig Ospadal Ghallaibh, ach tha am bòrd ag ràdh nach eil feum air eòlaichean obstetrics sa chuid as motha de shuidheachaidhean.
Fon structar ùr cha bhi mnathan-glùine làn-ùine ann tron oidhche, coltach ri sgìrean eile air Ghàidhealtachd, ach bithidh dithis ri fhaotainn ma tha feum orra.
Tha e a' ciallachadh gum bi aig tòrr a bharrachd bhoireannach aig a bheil dùil ri leannabh ri siubhal a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Tha luchd-strì san sgìre an aghaidh nam planaichean 's iad ag ràdh gun deach an sparradh air a' choimhearsnachd mus deach co-chomhairleachadh ceart a dhèanamh.
Tha dragh ann nach eil planaichean airson màthraichean a ghluasad a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an suidheachadh èiginneach, math gu leòr.