"Thug e còmhla daoine a fhuair seachad air eadar-dhealachaidhean beaga gus trioblaidean mòra fhuasgladh"

- Air fhoillseachadh
Chan eil mòran le ceangal cho dlùth ri Comhairle nan Eilean Siar 's a th' aig Sandy MacMhathain.
Bha Mgr MacMhathain mar-thà grunn bhliadhnaichean na bhall air Comhairle Baile Steòrnabhaigh mus deach Comhairle nan Eilean Siar, no Western Isles Islands Council mar a bh' orra an toiseach, a stèidheachadh.
Thòisich an t-ùghdarras ùr gu h-oifigeil sa Chèitean 1975, clach-mhìle a thathar a' comharrachadh an t-seachdain seo.
"Bha buannachdan mòra ann," thuirt Sandy ri BBC Naidheachdan is e a' coimhead air ais 50 bliadhna.
"Chan ann a-mhàin gun tàinig sinn còmhla gu poileataigeach, thàinig sinn còmhla gu sòisealta oir chun sin, cha robh mòran trafaig mar gum biodh eadar Leòdhas is na Hearadh agus Uibhist.
"Cha robh ann idir ach trafaig adhair! Oir nuair a bhiodh tu a' sgèith eadar Glaschu is Steòrnabhagh bha thu a' tighinn tro Bheinn nam Fadhla.
"'S e àm inntinneach is togarrach a bh' ann."

Bha Mgr MacMhathain glè fhaisg air a bhith air a thaghadh mar a' chiad Fhear-Gairm air an ùghdarras ùr ann an 1975.
Bha e fhèin is an t-Urr. Dòmhnall MacAmhlaigh co-ionnan a thaobh bhòtaichean is Mgr MacAmhlaigh a' soirbheachadh air a' cheann thall nuair a chaidh càirtean a thaghadh.
Le sùil air ais tha Sandy den bheachd nach e call a bha sin idir. 'S ann a tha e a' dèanamh moladh mòr air Mgr MacAmhlaigh is a' chiad Iar-Fhear-Gairm a bh' ann, Maighstir Calum MacIllFhaolain à Èirisgeigh.
Dh'obraich mar a bha ministear is sagart còmhla aig ceann an ùghdarrais gu math, tha Sandy ag ràdh, an dà chuid mar shamhla agus ann an da-rìribh.
"'S e co-obrachadh air leth sona a bha siud eadar dà rud a bha gu sin fa leth bho chèile.
"Rinn a' Chomhairle toiseach-tòiseachaidh làidir, aonaichte air sgàth obair an dithis fhireannach."
Tha e a' togail cuideachd air Roy MacÌomhair, a' chiad àrd-oifigear CEANGAL, is e ag ràdh gur e gu ìre mhòir a bha air cùl poileasaidh dà-chànanach na Comhairle.
Ach bha Mgr MacMhathain e fhèin gu mòr an sàs ann a bhith a' stèidheachadh nam bunaitean cudromach anns na làithean tràtha sin.
Dh'obraich e leis an HIDB gus Gàrradh Àranais a leasachadh is e a' dèanamh argamaid làidir gun robh cosnaidhean ceangailte ri obair na h-ola deatamach airson nan Eilean is daoine a chumail aig an taigh.
Tha e moiteil às cuideachd air mar a chaidh taighean ùra a thogail ann an sgìrean dùthchail tràth ann am beatha na Comhairle, rud a shochraich draghan gur ann stèidhichte gu mòr air Steòrnabhagh a bhiodh an t-ùghdarras.

Sandy MacMhathain a' riochdachadh nan Eilean Siar gu h-eadar-nàiseanta
Às dèidh beagan bhliadhnaichean ghabh Sandy an stiùir mar Fhear-Gairm ann an 1982.
"Thuig mi sa bhad nuair a tha thu aig mullach a' phoidhle gu bheil a h-uile duine airson bruidhinn riut is deasbad leat.
"Bhiodh e air a bhith doirbh mura b' e an taic mhòr, dhìleas a fhuair mi bho mo bhean is mo theaghlach.
"Bha e doirbh ach a' coimhead air ais rinn e feum dhomh a thaobh mo chàirdeas le daoine air feadh nan Eilean Siar".
Rinn is le daoine à gu math nas fharsaing is Sandy a' stèidheachadh cheanglaichean le sgìrean san Roinn Eòrpa.
Bha cothroman mòra ionnsachaidh is co-obraichaidh ann, tha e ag ràdh, is e fhèin a' coimhead air Brexit mar "mhòr-thubaist".
"Dh'ionnsaich mi tòrr mun t-saoghal san àm agam air a' Chomhairle is thàinig orm beagan den sin a thoirt air ais dhan dùthaich seo."
Bha Sandy na Fhear-Gairm gu 1990 agus na chomhairliche gu 1992 nuair a ghabh e ceum air ais bhon ùghdarras air an robh e air buaidh cho mòr a thoirt.
"Bha mi a' faireachdainn gun robh an t-àm ann cothrom a thoirt do dhaoine eile," tha e ag ràdh.
Thug e cuideachd cothrom dha fhèin a dhol an sàs ann an rudan eile is an t-seirbheis phoblach aige a' leantainn, am measg eile aig àrd-ìre aig HIAL, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, is Ùghdarras a' Chlo Hearaich.
Chaidh an t-seirbheis phoblach sin aithneachadh ann an 2023 nuair a chaidh Saorsa nan Eilean Siar a bhuileachadh air.

Tha Sandy ag ràdh gun robh ceanglaichean ris an Roinn Eòrpa is pàirtean eile den t-saoghal luachmhor dha-rìribh dha fhèin is a' Chomhairle
Tha Mgr MacMhathain mothachail gur e Comhairle nan Eilean Siar diofraichte a th' ann an-diugh.
Chan eil e fhèin cinnteach am biodh e 'son a bhith na chomhairliche san là a th' ann is e a' togail air cho gann 's a tha an sporran poblach is na bacaidhean a tha sin a' cur air ùghdarrasan ionadail.
Bha e cudromach cuideachd, tha ag ràdh, nach robh poileataigs pàrtaidh a' toirt buaidh air obair na Comhairle na là.
Tha e den bheachd gur e call a th' ann anns na bliadhnaichean mu dheireadh gu bheil an t-ùghdarras "gu tur stèidhichte air poileataigs pàrtaidh - rud nam bheachd a tha a' cur bacadh orra".
Ach 50 bliadhna bho stèidhichear Comhairle nan Eilean Siar, tha Sandy MacMhathain cinnteach às gu bheil e air feum mòr a dhèanamh.
"Thug e còmhla tòrr dhaoine diofraichte a bha comasach air faighinn seachad air eadar-dhealachaidhean beaga gus trioblaidean mòra fhuasgladh".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 An Cèitean 2025

- Air fhoillseachadh15 An Cèitean 2025

- Air fhoillseachadh15 An Cèitean 2025

- Air fhoillseachadh16 An Cèitean 2025
