An comhairliche a b' òige a bha air Comhairle nan Eilean

Coinneach MacÌomhair
LeRuairidh MacÌomhair
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha Coinneach MacÌomhair aithnichte mar fhear de shàr-chraoladairean na Gàidhlig bhon 50 bliadhna mu dheireadh.

Tha a ghuth air a bhith ri chluinntinn, aodann air a bhith ri fhaicinn, agus a bhriathran air a bhith rin leughadh air iomadh ùrlar mheadhanan thar nam bliadhnachan.

Ach chaidh inbhe eile a bhuileachadh air Coinneach Mòr cha mhòr 50 bliadhna air ais, air nach bi uimhir a dhaoine ma dh'fhaoidte eòlach.

B' e sin gum b' e an comhairliche a b' òige a bha air Comhairle nan Eilean nuair a chaidh a thaghadh, aig aois 27, gus uàrd Ghriais a riochdachadh.

Bha sin air an dàrna comhairle ann an 1978.

Thar nan deicheadan a lean, tha an dearbh inbhe air a bhith aig Coinneach oir chan eil comhairliche cho òg air a bhith ann bhon uairsin.

Tha cuimhne aige air mar àm misneachail.

"Bha e iongantach a bhith a' dol a-steach ann," thuirt e.

"Airson a' chiad uair a-riamh bho Thighearnas nan Eilean, bha fèin-riaghlaidh againn ann an seo anns na h-eileanan.

"Bha sinn a' faicinn gun robh cothrom ann agus bha cumhachd againn airson rudan a dhèanamh."

Col Uarach
Fo-thiotal an deilbh,

Bha leasachadh air an rathad eadar Tolastadh agus Lacasdal am measg na rinn a' Chomhairle sna bliadhnaichean tràtha

Bha e air a' Chomhairle airson còig bliadhna agus tha e ag ràdh gum faca e diofar mòr a' tighinn air an sgìre aige, eadar pròiseactan mòra agus feadhainn nas lugha.

"Nuair a chaidh mise air a' Chomhairle, an rathad eadar Lacasdal agus Tolastadh, rathad cho trang 's a tha air an eilean, cha robh e idir air clàr na Comhairle a thaobh airgid-chalpa.

"Bhiodh iad ag ràdh gur e "B-road" a bh' ann, ach fhuair sinn air e, pìos an dèidh pìos an dèidh pìos.

"Drochaid Abhainn Aonghais, drochaid Abhainn Chùil, drochaid Abhainn Ghriais, agus an uairsin rathad dùbailte gu Tolastadh.

"'S e plana a bh' ann agus thachair e."

Talla Bhaile Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Bha coinneamhan na Comhairle gan cumail an toiseach ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh

Nuair a chaidh Coinneach na Chomhairliche, bha an t-ùghdarras sgapte eadar grunn thogalaichean ann an Steòrnabhagh.

Chaidh coinneamhan na Comhairle a chumail aig Talla Bhaile Steòrnabhaigh, far an robh aca ri bhith mothachail air feumalachdan eile an togalaich.

"Bhiodh bùird fiodha an sin den fheadhainn a bhiodh ann aig bainnsean, agus bhiodh sinn gam pasgadh fon stèids às dèidh nan coinneamhan," thuirt e.

"Bha pàipear geal air còmhdach a h-uile aon aca - na roilichean pàipear, bhiodh sinn gam faighinn bho oifisean a' Ghazette."

"Bha feadhainn dhe na h-oifigearan gu h-àraid, bha iad uabhasach math air ealan agus aig deireadh nan coinneamhan chìtheadh tu dè a bha iad air a bhith a' dealbhachadh 's iad cho seachd searbh sgìth dhe na bha sinn air a bhith ag ràdh!"

Dealbh le Coinneach
Fo-thiotal an deilbh,

Coinneach agus Murchadh Dòmhnallach a' coinneachadh ris a' Bhanrigh ann an 1979

Thàinig mu dheireadh oifisean na Comhairle air Sràid Shandabhaig ann an 1979.

Bha Coinneach ann air an Là a dh'fhosgail a' Bhanrigh an togalach ùr.

"Tha cuimhne agam an là sin cha robh a Bhanrigh a' coimhead dòigheil idir - tha mi a' smaoineachadh gun do chuir am muir oirre!"

"Tha cuimhne agam cuideachd cò an tè a bha air mo ghàirdean a' dol a-steach gu cupan teatha leis a' Bhanrigh - tè a bha uaireigin na Pròbhost air baile Steòrnabhaigh, a Bh-Ph. Anna Urchadan.

"Thuirt i rium 'Am faod mi a dhol a-steach còmhla riutsa?' Cha robh i air tiocaid fhaighinn. Thuirt mise "Ma-thà, 's e urram a bhiodh ann dhomh', agus sin a thachair."

Fo-thiotal,

Bha Coinneach ann nuair a dh'fhosgail a' Bhanrigh togalach ùr na Comhairle

Ged a tha cuid air cumadh an togalaich a chàineadh thar nam bliadhnachan, tha Coinneach ag ràdh gur e ceum cudromach a bh' ann dhan ùghdarras ionadail.

"Thug e dhuinn àite far am b' urrainn dha na h-oifisean a bhith agus far am b' urrainn dhan obair againn a bhith air a dhèanamh," thuirt e.

Oifisean Comhairle nan Eilean Siar ann an SteòrnabhaghTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Bha dachaigh aig a' Chomhairle nuair a dh'fhosgail ofisean ùra ann an 1979

Chòrd an obair ri Coinneach ach b' fheudar dha a leigeil seachad ann an 1983 agus cosnadh chomhairlichean gu math ìosail aig an àm.

"Cha mhòr gun robh sinn a' faighinn dad aig an àm sin," thuirt e.

"Eadar £8 agus £9 anns an là, agus a dh'innse na fìrinn sin bu choireach gun leig mise seachad e.

"Thàinig orm a dhol chun an Fhir-Ghairm agus a chantainn ris, 'Tha mise air ùr-phòsadh agus chan urrainn dhomh leantainn orm leis an seo'.

"Mar sin, mura robh thu air a' pheinnsean, mura robh thu beartach, no mura robh maighstir-obrach agad a bha uabhasach coibhneil, cha b' urrainn dhut a bhith air a' Chomhairle."

Bha a bhith na neach-naidheachd leis a' BhBC am measg nan dreuchdan a bh' aig Coinneach às dèidh na Comhairle
Fo-thiotal an deilbh,

Bha a bhith na neach-naidheachd leis a' BhBC am measg nan dreuchdan a bh' aig Coinneach às dèidh na Comhairle

Chaidh Coinneach air adhart gu bhith na neach-deasachaidh air Gazette Steòrnabhaigh agus na neach-naidheachd agus preseantair leis a' BhBC.

Ach cha do chaill e a-riamh ùidh ann an obair na Comhairle agus thill e chun na h-obrach sin ann an 2007 nuair a chaidh a thaghadh gu uàrd Loch a Tuath.

Chòrd e ris a bhith an sàs a-rithist ann an obair an ùghdarrais ionadail, ach mhothaich e eadar-dhealachaidhean bho nuair a bha e air a' Chomhairle roimhe.

'B e aon dhiubh àireamh an t-sluaigh.

"Nuair a chaidh mise air a' Chomhairle ann an an 1978 bha 6,300 leanabh anns na h-eileanan an Iar," thuirt e.

"Nuair a thill mi air ais sa bhliadhna 2007, bha e air a dhol sìos gu 3,800 leanabh.

"Mar sin, bha na h-eileanan air atharrachadh gu mòr."

Coinneach Mòr

Tha Coinneach dhan bheachd gu bheil atharrachaidhean bunaiteach air a thighinn cuideachd a thaobh cho comasach 's a tha e atharrachadh a thoirt gu buil mar chomhairliche.

Tha e ag ràdh gu bheil gearraidhean air buidseatan nan ùghdarrasan ionadail air cnapan-starra a thogail.

"Do chomhairilichean an là an-diugh, chanainn-sa gu bheil e uabhasach duilich a bhith misneachail.

"Airson chan eil càil a ghealltanas gu bheil cùisean a' dol a dh'fhàs nas fheàrr a thaobh airgid.

"Agus tha ceistean mòra aig ìre nàiseanta - an còrdadh e ri cuid de dhaoine cùr às de riaghaltasan ionadail.

"Agus ann an dòigh tha sinn air tòrr dhe na cumhachdan a bh' agamsa mar chomhairliche òg a chall."

Ach tha Coinneach gu làidir dhen bheachd gu bheil a' Chomhairle air feum a dhèanamh dha na h-eileanan.

"A dh'aindeoin gach dùbhlain, gearain, is càineadh, tha a' Chomhairle fhathast a' dèanamh obair a tha cudromach agus feumail anns na h-eileanan.

"Agus tha sinn fhathast anns an t-suidheachadh - 's e a' Chomhairle againn a th' ann, sinn fhìn a tha a' dèanamh nan co-dhùnaidhean, biodh iad ceart no ceàrr."