Planaichean 'son dà sgoil ùr ann an Inbhir Pheofharain gan taisbeanadh

Bidh rùm ann an Sgoil ùr An Naoimh Cliaman airson suas ri 88 sgoilear
- Air fhoillseachadh
Chaidh planaichean a thaisbeanadh airson dà sgoil ùr a thogail air an aon làraich ann an Inbhir Pheofharain.
Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh Sgoil an Naoimh Cliaman agus Bun-sgoil Inbhir Pheofharain ùr a thoirt còmhla, mar phàirt de phlana leasachaidh coimhearsnachd airson foghlam luach £50m.
Thèid am maoineachadh tro Phlana Tasgaidh na Gàidhealtachd.
Thathar an dùil gun tòisich an obair air an làraich ann an 2028, agus gum bi e deiseil ann an 2030.
'S ann an ceann a tuath Inbhir Pheofharain a thathar an dùil làrach ùr a steidheachadh dha Bun-Sgoil Inbhir Pheofharain agus Sgoil an Naoimh Cliaman, sgoil airson cloinne le feumalachdan a bharrachd.
Bidh an dà sgoil còmhla anns an aon togalach le rùm airson cha mhòr 600 sgoilear bho Bhun-Sgoil Inbhir Pheofharain, cho math ri 88 duine-cloinne sna tràth-ìrean.
Bidh 76 àite ann airson sgoilearan Sgoil an Naoimh Cliaman.

Tha an Comh Mairead Paterson ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air na sgoiltean ùra
Tha an Comhairliche Mairead Paterson, a tha a' riochdachadh na sgìre, ag ràdh gu bheil e fìor chudromach gun tèid ùrachadh a dhèanamh air na sgoiltean.
"Tha an dà sgoil a' tuiteam às a chèile", thuirt i.
"Bha còir aig Sgoil an Naoimh Cliaman a bhith air sgoil ùr fhaighinn bho chionn 20 bliadhna.
"'S e togalach bho na 60an a bh' ann am bun-sgoil Inbhir Pheofharain agus tha trioblaidean air a bhith ann leis a' mhullach agus tha sinn air a bhith a' feitheamh ùine mhòr 'son sgoil ùr.
"Tha pàrantan, clann, agus muinntir Inbhir Pheofharain a' coimhead air adhart ri sgoiltean ùrà fhaighinn."
Chaidh draghan a thogail ge-tà, le feadhainn le clann ann an Sgoil an Naoimh Cliaman nach bi an làrach ùr seo freagarrach dhan chloinn leis gum bi an dà sgoil san aon togalach.

Tha Emma Pearce ag ràdh gu bheil dragh air pàrantan Sgoil an Naoimh Cliaman mun fhuaim a thig bhon bhun-sgoil
"Tha sinn gu math toilichte mar phàrantan gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd mu dheireadh thall a' cur airgead ri sgoil ùr", thuirt Emma Pearce bho Chomann Parant Sgoil an Naoimh Cliaman.
"Ach 's e briseadh-dùil a th' ann gu bheil e ceangailte ri bun-sgoil Inbhhir Pheofharain.
"Tha dragh oirnne mun bhuaidh a thaobh fuaime, le 500 sgoilear direach ri taobh Sgoil an Naoimh Cliaman.
"Tha comas ionnsachaidh nan daoine òga air a chuingealachadh ri linn sin.
"Tha e math na planaichean fhaicinn, agus gu bheil uidhir de smaoineachadh air a bhith ga dhèanamh orra leis na h-ailtirean, ach tha dragh orm nach e an t-slighe a tha romhainn, an t-slighe a dh'iarradh sinne."
- Tùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Fo-thiotal an deilbh, Bidh rùm ann am Bun-sgoil ùr Inbhir Pheofharain airson còrr air 500 sgoilear
1 de 3
Thuirt a' chomhairle gum bi an dà sgoil fhathast neo-eisimeileach bho chèile.
Tha na planaichean cuideachd a' toirt a-steach làrach-spòrs ùr a-muigh a bhios fosgailte dhan choimhearsnachd às dèidh na sgoile, agus ionad spòrs airson daoine ciorramach agus feadhainn le feumalachdan a bharrachd.
Thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd, An Comh Iain MacFhionnlaigh, gum bi buannachdan ann bhon dà sgoil a bhith air an aon làraich.
"Tha an dà sgoil air an aon làraich a' ciallachadh gu bheil cothroman nas fheàrr ann airson co-obrachadh a dhèanamh agus ion-ghabhaltas a thoirt gu buil", thuirt e.
"Bheir an leasachadh seo foghlam agus àitichean dhan choimhearsnachd còmhla, is bidh e na ghoireas luachmhor dhan sgìre."
Bidh cothrom eile aig daoine na planaichean fhaicinn aig tachartas ann an Talla Baile Inbhir Pheofharain air an 2na là dhen Dùbhlachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Iuchar 2025

- Air fhoillseachadh25 Am Màrt 2025

- Air fhoillseachadh7 An Dùbhlachd 2023


