Urraman do dhithis anns na h-Eileanan an Iar

- Air fhoillseachadh
Chaidh urraman a bhuileachadh air dithis anns na h-Eileanan an Iar air liosta Urraman Co-là breith an Rìgh.
Tha OBE a' dol gu Malcolm Burr, a bha fad bhliadhnaichean na àrd-oifigear air Comhairle nan Eilean Siar is cuideachd na fhear-gairm air Bòrd Stiùiridh Taghaidh na h-Alba.
Chaidh Mgr Burr cuideachd a chur mar stiùiriche air Stòras Uibhist bho chionn ghoirid.
Tha e air OBE fhaighinn airson seirbheisean poblach.
Chaidh urram BEM a bhuileachadh air Bella Chamshron, Ceannard a' Chidsein ann an Loidse Ghroigearraidh ann an Uibhist a Deas.
Tha seo airson seirbheisean gu Aoigheachd agus an Eaconamaidh Dhùthchail ann an Uibhist a Deas.
Thuirt Morair-ionaid a' Chrùin anns na h-Eileanan an Iar, Iain MacAmhlaigh, gu bheil an dithis air seirbheis phoblach ionmhalta a dhèanamh is gu bheil iad gu math airidh air urram fhaighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An t-Sultain 2025

- Air fhoillseachadh1 An Cèitean
