Measadh air buaidh nan iolairean-mara air stoc

Iolaire-mara far chosta an Eilein SgitheanaichTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann NàdarAlba a' cur sgeama ùr air bhonn airson tomhas a dhèanamh air buaidh nan iolairean-mara air stoc.

Tha croitearan agus tuathanaich air a bhith a' cumail a-mach gu bheil na h-eòin a' dèanamh call orrasan.

Agus a-nis, cuiridh NàdarAlba, ann an co-obrachadh le buidhnean eile, tagaichean eileagtronaigeach ann an 40 de na h-iseanan air taobh siar na h-Alba agus anns na h-eileanan 'son sgeul a chumail air na bhios iad a' dèanamh.

Chaidh iolairean-mara à bith ann an Alba bho chionn còrr is 100 bliadhna.

Ach chaidh an toirt air ais dhan dùthaich anns na '70an is tha na h-àireamhan air èirigh gu mòr.

'S ann aig NàdarAlba a tha dleastanas do na h-iolairean.

Agus tha a' bhuidheann an urra ri sgeama airson taic a thoirt do thuathanaich is croitearean a tha air call fhulaing.

Aig àm rùsgaidh nan caorach anns an Eilean Sgitheanach, tha tòrr chroitearan is thuathanach ag ràdh gu bheil nas lugha bheathaichean rin rùsgadh gach bliadhna.

Tha iad ag ràdh nach eil an uimhir chaorach a' tilleadh far a' mhonaidh 's a b' àbhaist agus tha iad a' cur na coire air iolairean-mara.

"Thug sinn a-staigh 300 uan an-uiridh aig àm comharrachaidh , agus bha an treas cuid air falbh mun àm a reic sinn na h-uain - bha sin 100 uan a-mach à 300", thuirt an croitear Daibhidh Dòmhnallach.

Agus tha e den bheachd gur e iolairean-mara a bha rin coireachadh airson a' chall sin.

"Tha sinn gam faicinn, tha sinn gam faicinn gan togail.

"Bha na balaich an-uiridh, nuair a chaidh iad a-mach air cùl a' mhonaidh, chunnaic iad 17 de dh'eòin òga a' suidhe air feansaichean agus feumaidh iad sin uile a bhith air am biadhachadh", thuirt e.

Ionnsachadh

Tha NàdarAlba a-nis ag obair ann an co-bhonn ris an RSPB, an NFU an Alba agus Caidreachas na Croitearachd airson tagaichean eileagtronaigeach a chur air timcheall air 40 eun.

'S e iolairean òga a bhios anns a' mhòr-chuid dhiubh feuch dè as urrainn dhaibh ionnsachadh mun deidhinn.

Thuirt Anndra Stevenson bho NàdarAlba gur fear de na rudan air am bi iad a' coimhead, dè a' phàirt a tha aig iolairean-mara òga anns an t-suidheachadh.

"Bidh iad sin a' siubhal fad is farsaing agus bheir e mu 4-5 bliadhnaichean mus ruig iad ìre agus mus stèidhichear iad anns an sgìre aca fhèin.

"Agus fhad 's a tha iad a' siubhail mun cuairt, chan eil dòigh againn airson faighinn a-mach dè tha iad ag ithe, càit a bheil iad a' dol, ciamar a tha iad a' cleachdadh na h-àrainneachd.

"Mar sin, tha seo a' toirt cothrom dhuinn, leis na tagaichean adhartach seo, an t-uabhas fiosrachaidh fhaighinn mu na h-eòin", thuirt e.

Poileasaidh

Tha Caidreachas Croitearachd Na h-Alba am measg nam buidhnean a tha ag obair còmhla ri NàdarAlba air a' phròiseact seo.

Tha Pàdruig Moireasdan na stiùriche aca agus tha esan ag ràdh gu bheil a' bhuidheann sin air a bhith a' putadh airson barrachd a dhèanamh mu mar a tha na h-àireamhan de dh'iolairean-mara air a bhith a' dol suas.

"Anns a' phròiseact a tha seo, tha sinn an dùil a bhith a' coimhead air an fhiosrachadh a thig a-mach às.

"Agus a' dèanamh cinnteach gun tig rudeigin às a tha gu feum do chroitearan.

"Agus an dòchas gum bi tuigse nas fharsainge againn air an t-suidheachadh a th' ann, agus an uair sin gum bi atharrachadh air choireigin air an t-seòrsa poileasaidh a th' ann a thaobh nan iolairean-mara.

"Agus gu mòr an dòchas gum bi rudeigin ann a thig às a tha gu feum dhan t-suidheachadh a th' ann air an talamh do chroitearan", thuirt e.

Thèid am fiosrachadh bho na tagaichean eileagtronaigeach a chruinneachadh thar nam bliadhnaichean ri thighinn.