Ionad niuclasach ùr aig Dùnrath?

Tha dùil gum bi obair dì-choimiseanaidh air an t-seann ionad niuclasach aig Dùnrath ullamh ann an 2030
- Air fhoillseachadh
Chaidh seann ionad niuclasach Dhùnrath ann an Gallaibh a chomharrachadh am measg làraichean far am faodadh ionadan cumhachd ùra niuclasach a stèidheachadh, a rèir Riaghaltas na Rìoghach Aonaichte.
Dh'òrdaich Rùnaire a' Chumhachd, Ed Miliband, an-uiridh don chompanaidh Great British Energy Nuclear sgrùdadh teicnigeach a dhèanamh air làraichean an Alba a bhiodh freagarrach airson ionadan ùra a thogail.
A thuilleadh air trì làraichean a tha an dàrna cuid fhathast ag obair no air an dì-choimiseanadh - Dùnrath, Torness agus Hunterston - chomharraich iad cuideachd làraichean eile mu Linne Fhoirthe agus air costa an ear na h-Alba.
Am mìr sgudail "rèidio-beò as làidire" a fhuaireadh an trì bliadhna aig Dùnrath
- Air fhoillseachadh23 An Dàmhair 2025
Peantairean gan sireadh do Dhùnrath
- Air fhoillseachadh5 An Gearran 2025
Rabhadh mu mheirg agus aoidion aig ionad niùclasach
- Air fhoillseachadh13 An t-Sultain 2024
Tha an riaghaltas Làbarach air innse gu bheil iad airson 's gum faigh Alba buannachd à cumhachd ùr niuclasach, ach tha Riaghaltas na h-Alba fon SNP air cur na aghaidh gu làidir bho chionn fhada.
Chaidh Dùnrath a thogail ann an 1955, agus chaidh mòran rannsachaidh a dhèanamh ann mu bhith a' leasachadh chumhachd niuclasaich.
Sguir e a' cruthachadh chumhachd ann an 1994, agus thathas bhon uair sin air a bhith ag obair gus a dhì-choimiseanadh, le dùil gum bi an obair sin deiseil ann an 2030.