Craoladh na Gàidhlig: Rannsachadh Westminster a' cluinntinn fianais a-màireach

Coinneach MacLeòid san t-sreath Hebridean Baker- Eileanan Nòrdach air BBC ALBA
- Air fhoillseachadh
Tòisichidh Comataidh nan Cùisean Albannach a' cluinntinn fianais madainn a-maireach san rannsachadh aca air craoladh na Gàidhlig.
Chaidh an rannsachadh a chur air bhog gus coimhead air maoineachadh agus seasamh reachdail craoladh Gàidhlig.
Thèid sùil a thoirt "air an àite aig craoladh na Gàidhlig san ath-bheòthachadh ann an cànan is cultar na Gàidhlig", na dùbhlain ionmhais a th' ann, agus "mar as urrainn dhan BhBC taic nas fheàrr a chumail ri craoladh mion-chànan, mar a' Ghàidhlig".
Anns an ro-ràdh, tha a' chomataidh a' togail air rabhadh bho MG ALBA fhèin gu bheil craoladh na Gàidhlig an-dràsta ann an suidheachadh cugallach.
Nan rannsachadh, bithear a' beachdachadh air mar a ghabhas a dhìon agus a neartachadh airson an ama ri teachd.
"Dragh mòr" air MG ALBA mu ghearraidhean aig a' BhBC
- Air fhoillseachadh23 An t-Ògmhios
Comataidh aig Holyrood a' moladh "co-ionnanachd spèis" eadar craoladh Gàidhlig is Cuimris
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt
"Dùbhlain ionmhais" mu choinneimh craoladh Gàidhlig
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach 2025
Sa chiad sheisean aca, cluinnidh Comataidh nan Cùisean Albannach bho Bhòrd na Gàidhlig agus luchd-acadaimigeach.
'S e iad an t-Oll Conchúr Ó Giollagáin bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus an Dr Ingeborg Birnie bho Oilthigh Srath Chluaidh a bhios air a' chiad phanail.
Cluinnear an uairsin bho chathraiche a' bhùird, Rob Dunbar, agus àrd-oifigear na buidhne, Ealasaid NicDhòmhnaill.
Tha MG ALBA a' ruith BBC ALBA ann an co-bhann leis a' BhBC agus tha iad air barrachd maoineachaidh iarraidh airson craoladh sa Ghàidhlig iomadach uair.
Tha iad cuideachd ag iarraidh gum bi am maoineachadh sin air a chur air bun-stèidh chinnteach, mar a th' aig craoladh sa Chuimris.
Duais Eòrpach dha Somhairle Spins
- Air fhoillseachadh22 An Cèitean
Duaisean 'son an An t-Eilean a' toirt "togail is misneachd" dhan Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh23 An Cèitean 2025
"An t-Eilean": An àireamh luchd-coimhid a bu mhotha o thòisich BBC ALBA
- Air fhoillseachadh4 An Giblean 2025
A' bruidhinn air Aithris na Maidne an t-seachdain a chaidh, thuirt cathraiche na buidhne gu bheil e soilleir gu bheil Comataidh nan Cùisean Albannach air teachdaireachd MG ALBA a chluinntinn gu bheil na meadhanan Gàidhlig a' soirbheachadh ach gu bheil dùbhlain ann a thaobh maoineachaidh.
Thuirt Iain Moireasdan: "Tha mi a' smaoineachadh mar a tha a' chomataidh a tha seo air cur a-mach an dòigh anns a bheil iad gu bhith a' sgrùdadh seo, gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil sinn ann an suidheachadh doirbh agus gu bheil iad gus a bhith a' lorg freagairtean air a shon."
Tha seo cuideachd a' tighinn agus draghan air MG ALBA mun bhuaidh a dh'fhaodadh gearraidhean aig a' BhBC a thoirt air roinn na Gàidhlig.
Tha am BBC air dearbhadh gun tèid sàbhalaidhean luach £500m a dhèanamh thairis air a' bhuidhinn san ath dhà bhliadhna le dùil gum falbh eadar 1,800 is 2,000 dreuchd. Ach chan eil fhios fhathast dè a' bhuaidh a bheir seo air roinn na Gàidhlig.