Ceum air adhart do dh'Ionad Dualchais Uibhist a Tuath

- Air fhoillseachadh
Tha am pròiseact gus seann sgoil Chàirinis an Uibhist a Tuath a leasachadh mar ionad dualchais air adhartas a dhèanamh is cead-dealbhachadh a-nise ga shireadh bho Chomhairle nan Eilean Siar.
Dhùin Sgoil Chàirinis ann an 2016 is fhuair Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath sealbh air an togalach ann an 2019 is plana aca a chur gu feum mar ionad dualchais.
Tha an comann eachdraidh air a bhith soirbheachail le tagraidhean airson taic-airgid san dà bhliadhna mu dheireadh.
Thàinig £165,000 bho Mhaoin Chalpa na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba san Fhaoilleach 2025, is dhearbh Iain Swinney £360,000 a bharrachd às an dearbh stòras nuair a bha e a' tadhal air Uibhist as t-samhradh an-uiridh.
San Dùbhlachd chaidh innse gun robh an leasachadh am measg phròiseactan sna h-Eileanan an Iar a bha a' faighinn buannachd à £20m à Com-pàirteachas Ath-leasachaidh Coimhearsnachd aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
£165,000 gus seann sgoil Chàirinis a leasachadh mar ionad dualchais
- Air fhoillseachadh2 Am Faoilleach 2025
Còrr is £500,000 'son Seann Sgoil Chàirinis is Cnoc Soilleir
- Air fhoillseachadh16 An Lùnastal 2025
Thàinig £1.5 den airgead sin gu Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath.
Agus sa Mhàrt am-bliadhna fhuair am pròiseact £599,000 bho Mhaoin Grant Calpa Ath-bheòthachaidh an Riaghaltais Albannaich.
Tha an t-iarrtas dealbhachaidh, taobh a-muigh ag innse gun tèid obair leasachaidh mhòr a dhèanamh air na togalaichean aig an làraich.
Tha e ag ràdh gu bheilear airson nan diofar phàirtean a thoirt ri chèile gus am bi iad ag obair còmhla.
Tha an t-iarrtas ag ràdh gun tèid spèis a shealltainn dhan inbhe dìon a th' air an t-seann sgoil agus aig an dearbh àm coltas an àite air fad a leasachadh.
Thèid an taigh-sgoile, a tha ann am fìor dhroch staid, a leasachadh gu mòr is a chur a-mach air màl do luchd-tadhail.
32 pròiseactan coimhearsnachd a' faighinn £36m o mhaoin Ath-bheòthachaidh an Riaghaltais
- Air fhoillseachadh25 Am Màrt
Faisg air £9m gus rathaidean Uibhist is Bharraigh a dhèanamh nas sàbhailte
- Air fhoillseachadh9 An Dùbhlachd 2025
Tha Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath ag ràdh gun leig an leasachadh leotha barrachd den chruinneachadh aca a thaisbeanadh agus cuideachd an cruinneachadh fhèin a leudachadh.
Thuirt iad leis an taigh-sgoile a leasachadh is a chur a-mach air màl gum bi am pròiseict gu lèir nas seasmhaiche.
Thuirt iad gu bheil an taic-airgid a dh'fheumas iad aca ach gu bheil cuingealachadh timcheall air a thaobh ùine.
Tha iad ag ràdh mar sin gu bheil iad airson an obair a chur a-mach gu tairgse is cùmhnantan a thoirt seachad cho luath 's a ghabhas.