Seirbheisean-lìbhrigidh "sìos gu uair san t-seachdain" do chuid air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Tha comhairlichean ag ràdh nach eil cuid de dhachannan air Ghàidhealtachd uaireannan a' faighinn litrichean no parsailean sa phost ach uair san t-seachdain.
Tha iad ag ràdh gu bheil seirbheis a' Phuist Rìoghail air a dhol neo-chunabhalach ann an cuid de dh'àitichean, ag adhbharachadh maill air litrichean bho leithid an NHS, bancaichean, agus luchd-lagha.
Tha a' bhuidheann de naoinear chomhairlichean ag iarraidh gun tog Comhairle na Gàidhealtachd na draghan aca le ceannardan a' Phuist Rìoghail.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil fios aca cho cudromach is a tha na seirbheisean lìbhrigidh aca airson daoine agus gnothachasan air Ghàidhealtachd agus gum biodh iad toilichte freagairt gu dìreach ri draghan sam bith a thogadh a' Chomhairle.
Dìon ga shireadh do sheirbheisean puist dùthchail
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2023
Piseach ga iarraidh air seirbheisean puist eileanach
- Air fhoillseachadh14 An t-Iuchar
Ann an gluasad a thèid air beulaibh na làn-chomhairle Diardaoin, thuirt a' bhuidheann de chomhairlichean: "Tha seirbheisean-lìbhrigidh ann am mòran sgìrean air Ghàidhealtachd a-nis neo-chunabhalach, uaireannan dìreach uair san t-seachdain.
"Faodaidh buaidh mhòr a bhith aige seo, a' toirt a-steach a bhith a' call a-mach air coinneamhan meadaigeach, agus litrichean bho bhancaichean, luchd-lagha, cho math ri litrichean is cairtean pearsanta, a bhith fadalach."
Thuirt am Post Rìoghail gu bheil na figearan às ùire aca a' sealltainn gu bheil piseach air a thighinn air na seirbheisean-lìbhrigidh aca.
Ann an còd-puist Inbhir Nis, a tha a' toirt a-steach mòran de sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, thuirt neach-labhairt gun robh seirbheisean-lìbhrigidh an ath-là air a dhol suas bho 78.4% gu 82.8% sa chairteal às ùire.
Thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Àird Ghobhair, an Dtr Mìcheal Foxley, gu bheil dragh mòr ann mun t-suidheachadh.
"Gu math tric, chan eil rudan ris a bheil dùil air an ath-là no dhà a' nochdadh airson suas ri seachdain," thuirt e.
"Tha sinn gu cunbhalach a' faicinn nach bi càil air a lìbhrigeadh, no nach bi rudan air an lìbhrigeadh ach gach dhà no trì làithean.
"Uaireannan chan eil litrichean mu choinneamhan meadaigeach a' nochdadh ach beagan làithean ron cheann-là.
"Tha dragh ann mun t-suidheachadh.
"'S e seirbheis dheatamach a th' ann airson daoine a tha a' fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail."