Sgeama-taice ola teasachaidh ga leudachadh

OIa teasachaidh ga lìbhrigeadhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun tèid sgeama-taice airson dachannan a chuideachadh le cosgais ola teasachaidh no gas LPG a leudachadh a-steach dhan gheamhradh seo.

Gheibh dachannnan a tha a' faighin sochairean taic suas ri £300 airson ola a cheannach.

Tha mòran dhachannan air an tuath, gu h-àraid anns na h-eileanan, a' crochadh air ola airson an cuid teasachaidh, agus tha prìs na h-ola teasachaidh anns na h-Eileanan Siar an-drasta aig £1.24 an liotair - a dhà uiread 's a bha mus do thòisich an cogadh eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran.

'S ann sna h-Eileanan Siar a tha na h-ìrean bochdainn connaidh as miosa san Rìoghachd Aonaichte, agus tha mu 50% de na dachannan anns an sgìre a' cleachdadh ola.

Tha mu 7% de dhachannan an Alba gu lèir a' crochadh air ola no LPG, gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail agus eileanach, le mu 142,000 dachaigh a' cleachdadh ola, is 27,000 a' cleachdadh LPG.

Chaidh an sgeama a chur air bhonn air 1d là den Ghiblean, agus bha dùil gun tigeadh e gu crìch deireadh na mìos seo.

Ach thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ga leudachadh.

"Chaidh còrr air 6,700 suim a phàigheadh a-mach bho chuir Riaghaltas na h-Alba an seagma seo air bhonn airson dèanamh cinnteach gu bheil an fheadhainn as motha aig a bheil feum taic gus na dachannan aca a chumail blàth," thuirt Ministear a' Chumhachd, Stephen Gethins.

"Fhad 's a tha prìsean air tuiteam bhon àirde a ruig iad sa Mhàrt, tha a' mhì-chinnt leantainneach eadar-nàiseanta a' fàgail gum faodadh prìsean èirigh fhathast air a' gheamhradh seo."

Chuir Mgr Gethins ìmpidh air daoine coimhead ri bhith a' dèanamh an dachannan nas èifeachdaiche a thaobh teas, agus atharrachadh gu teas nas glaine mar dhòighean air cosgaisean a ghearradh.