"Sùbailteachd" le inbhe Sgìre Cànain Shònraichte dhan Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Thuirt cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd gum biodh "sùbailteachd" ann le inbhe Sgìre Cànain Shònraichte dhan sgìre gu lèir a leigeadh leotha taic a thoirt seachad a rèir feumalachdan diofar cheàrnaidhean.
Thuirt Drew Millar cuideachd gum bi cothrom aig a' phoball am beachd a thoirt air a' phlana ann am pròiseas co-comhairleachaidh.
Bha an Comh Millar a' bruidhinn is na h-uimhir de chonnspaid air a bhith ann bho thàinig e am bàrr an t-seachdain seo chaidh gu bheil an t-ùghdarras ionadail an dùil an sgìre aca gu lèir a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.
Tha an inbhe ùr ann mar phàirt de dh'Achd nan Cànanan Albannach a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba an-uiridh le amas barrachd taice a thoirt dhan Ghàidhlig aig ìre ionadail.
Ann an aithisg, taobh a-muigh a thèid air beulaibh Comataidh na Gàidhlig an-diugh, thathar ag ràdh gu bheil sgioba stiùiridh an ùghdarrais ionadail air moladh an inbhe ùr a chur air an sgìre gu lèir.
Tha iad ag ràdh gur e seo an dòigh as èifeachdaiche inbhe Sgìre Cànain Shònraichte a chur an sàs ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd agus gur ann air Comataidh na Gàidhlig fhèin a bhiodh dleastanas dèiligeadh ris a' ghnothach.
Tha an aithisg ag innse gum biodh "Frèam-obrach Lìbhrigidh Stèidhichte air Àite" ann, is gum biodh seo a' fàgail gum biodh e comasach taic is poileasaidhean eadar-dhealaichte a chur an sàs ann an diofar cheàrnaidhean den Ghàidhealtachd a rèir suidheachadh na Gàidhlig gu h-ionadail.
'S ann a chuir an aithisg fearg air cuid ge-tà.
BnaG ag ràdh gun tèid taic is seirbheisean am meud an Sgìrean Cànain
- Air fhoillseachadh30 Am Màrt
Nam measg tha a' bhuidheann iomairt Misneachd is iadsan ag ràdh gun robh e "maslach" agus "a' dèanamh cùis-mhagaidh de dh'amasan an reachdais".
Tha Misneachd ag iarraidh Sgìrean Cànain aig ìre gu math nas ionadaile, gu seachd àraidh tè 'son uard Eilean a' Cheò.
Ann am post-dealain fosgailte gu buill Comataidh na Gàidhlig anns na làithean mu dheireadh, thuirt Misneachd nach deach Inbhean Riaghaltas na h-Alba a thaobh Sgìrean Cànain Sònraichte fhoillseachadh fhathast, is gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh sgìre gu math farsaing nuair nach eil e follaiseach am bi sin fiù 's comasach.
Thuirt iad nach deach conaltradh a dhèanamh air a' phlana is gum bu chòir co-dhùnadh a thaobh Sgìrean Cànain Sònraichte a bhith ann an làmhan nan comataidhean sgìreil taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd.
A' freagairt a' phuist-dhealain sin, thuirt Drew Millar gur e "frèam-obrach airson co-comhairleachadh" a tha ann am moladh Comhairle na Gàidhealtachd aig an ìre seo, seach an co-dhùnadh deireannach, is gum faigh an sluagh cothrom beachd a thoirt seachad.
Tha e ag ràdh cuideachd gun robh oifigich an sàs aig diofar ìrean ann a bhith ga dhealbh, a' toirt a-steach feadhainn aig àrd-ìre agus comhairlichean.
Thuirt Mgr Millar nach eil am moladh idir a' ciallachadh gum biodh aona mhodail ann airson na Gàidhealtachd gu lèir, is gum biodh sùbailteachd na chois airson dèanamh cinnteach gum faigh sgìrean eadar-dhealaichte an taic a tha a' freagairt orrasan.
Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir gus inbhe Sgìre Cànain Shònraichte fhaighinn
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
Sgìre Cànain Shònraichte don Ghàidhealtachd air fad "maslach"
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
Dh'iarr e gun tèid Misneachd an sàs sa cho-chomhairleachadh a bhios ann agus gun tèid dragh sam bith a thogail "tro sheanailean iomchaidh".
Fhreagair Misneachd gum bu chòir grunn roghainnean a bhith ann airson co-chomhairleachadh seach aonan.
Mhìnich iad gun tèid iarrtas foirmeil bhuapa gu Bòrd na Gàidhlig fo Achd nan Cànanan Albannach airson uard Eilean a' Cheò a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte, is gun dèan iad soilleir cuideachd gu bheil iad an aghaidh a' mholaidh a th' ann bho Chomhairle na Gàidhealtachd.
Beachdachaidh Comataidh na Gàidhlig air a' ghnothach feasgar Diciadain.
Thèid iarraidh air buill aontachadh gur e inbhe Sgìre Cànain Shònraichte dhan Ghàidhealtachd air fad an dòigh as fheàrr gluasad air adhart, is moladh a chur dhan làn-chomhairle airson cumhachdan a thoirt do Chomataidh na Gàidhlig an gnothach a làimhseachadh.
Thèid aithisgean eile a chur air beulaibh na comataidh fhathast a thaobh co-chomhairleachadh, clàr-ama is riaghladh.