"Chan urrainn do dhaoine na prìsean seo a phàigheadh a' dol air adhart idir"

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-poileataigs anns na h-Eileanan Siar agus an Arcaibh ag iarraidh air Loganair faraidhean dha na h-eileanan a lùghdachadh.
Tha iad a' bruidhinn a-mach an dèidh do Loganair prothaid £10.9m fhoillseachadh air a' bhliadhna-ionmhais mu dheireadh.
Tha Ball Arcaibh ann am Parlamaid na h-Alba, Liam MacArtair, ag ràdh gum bu chòir dhaibh seirbheisean deatamach a dhèanamh nas saoire do dh'eileanaich.
Ach tha Ceannard Chùisean Corporra Loganair, Sìm McNamara, ag ràdh nach eil e cho sìmplidh sin.
"Saoilidh mi gum feum sinn na prothaidean a rinn sinn a chur ann an cò-theacsa," thuirt e.
"Rinn sinn gun teagamh prothaid £10.9m ach tha sin air tionndadh-airgid £250m.
"'S e iomall a tha sin de 4.3%. Ann an gnothachas sam bith a tha ga ruith, 's e iomall beag a tha sin.
"Ma bhriseas mi sin sìos, 's e am prothaid a tha sinn a' dèanamh air gach neach-siubhail air na seirbheisean adhair againn, £3.97 gach duine.
"Cha chreid mi gu bheil sin cus ro mhòr."
Thuirt Mgr McNamara gu bheil e mar fhiachadh orra "mar chompanaidh a tha a' toirt seachad seirbheisean riatanach" dèanamh cinnteach gun bheil iad seasmhach a thaobh ionmhais, 's gur ann air a' bhun-stèidh sin a tha iad a' stèidheachadh nam faraidhean aca.

Tha Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gu bheil e a' tuigsinn a' phrionnsabail sin ach gu bheil iad fhathast ag iarraidh briseadh-sìos de chosgaisean Loganair fhaicinn dhaibh fhèin.
"Chaidh sin caran a ghealltainn dhuinn ach tha sinn gun fhaicinn fhathast," thuirt e.
"Tha tòrr choinneamhan air a bhith a' dol air adhart bho chionn dà mhìos gu h-àraid, agus tha sinn air tòrr gearain fhaighinn air na cosgaisean.
"Suas ri còrr is £500 gun ADS (Sgeama Lasachaidh nam Faraidhean Adhair) eadar Beinn na Faoghla agus Glaschu.
"Chan eil mòran san t-saoghal a th' ann an-diugh as urrainn cur suas ri sin."
Ghabh Mgr Robasdan ris nach e prothaid mhòr sam bith a tha Loganair a' dèanamh, ach thog e air na cosgaisean a tha a' tighinn air companaidhean adhair.
"Cosgaisean HIAL (Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean) mar-eisimpleir - feumaidh iad connadh seasmhach ... tha sin gu math nas daoire na an connadh àbhaisteach.
"Ach bu toil leinn fhathast fhaicinn nan cosgaisean aca air am briseadh sìos - tha sin a' toirt a-steach HIAL 's a h-uile cìs eile a th' orra."
Coinneamh
Thuirt Mgr Robasdan gu bheil a' Chomhairle air coinneamh iarraidh le Loganair, HIAL, Còmhdhail Alba agus na comhairlean eile airson feuchainn dè ghabhas dèanamh airson cosgaisean nan companaidhean adhair a thoirt a-nuas.
Tha Mgr McNamara air a bhith taiceil, thuirt e, agus e den bheachd gu bheil rudan ann a ghabhas dèanamh, a' togail eisimpleir air mar a tha Riaghaltas Nirribhidh agus Riaghaltas na Grèige a' dèiligeadh ri seirbheisean adhair do sgìrean eileanach.
"Chuir HITRANS pàipear a-mach o chionn ghoirid a tha a' mìneachadh ciamar a bha na seirbheisean ag obair ann an àiteachan mar sin, agus gu deimhinne tha Sìm fhèin air a ràdh gur e an Riaghaltas an Alba an aon fheadhainn nach eil a' coimhead air ann an dòigh sheasmhaich," thuirt Mgr Robasdan.
"Anns an Roinn Eòrpa tha iad a' coimhead air seirbheisean do dh'eileanan 's do dh'àiteachan dùthchail ann an dòigh eile - tha iad a' tuigsinn gur e seirbheisean "lifeline" a th' annta, agus gum feumar rudeigin a dhèanamh a thaobh daoine a tha a' fuireach sna sgìrean a tha sin.
"Tha e gu math soilleir dhomhsa, agus tha mi air gu leòr fhaighinn air ais air, nach urrainn do dhaoine a bhith a' pàigheadh nam prìsean a tha seo a' dol air adhart idir idir idir."
Thuirt labhraiche às leth Riaghaltas na h-Alba:
"Tha sinn fo ghealltanas na seirbheisean PSO à Glaschu gu ruige Ceann Loch Chille Chiarain, Tiriodh agus Barraigh a ruith.
"Tha an subsadaidh airson na h-ùine eadar 2023 agus 2027 air èirigh gu £30.91m, ri linn gu ìre mhòir mar a tha na faraidhean do mhuinntir nan eilean air an stèidheachadh nas ìsle na an rèata coimeirsealta.
"A dh'aindeoin mar a tha a' chosgais air èirigh gu mòr, tha sinn fo ghealltanas na seirbheisean a chumail a' dol agus sinn ag aithneachadh cho buileach riatanach 's a tha iad do na coimhearsnachdan seo."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An Dàmhair 2022

- Air fhoillseachadh13 An Dàmhair 2025
