"Fìor chunnart" ann gum bi teintean fiadhaich air an deireadh-sheachdain

Teine air Mòinteach Dhamhath
Fo-thiotal an deilbh,

Sgrios teine 10,000 heactair fearainn air Mòinteach Dhamhath an-uiridh

  • Air fhoillseachadh

Tha rabhadh ann gu bheil "fìor chunnart" ann gum bi teintean fiadhaich air taobh sear agus meadhan na h-Alba air an deireadh-sheachdain seo.

Thòisich an rabhadh Dihaoine, agus mairidh e gu Didòmhnaich.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba nach bu chòir do dhaoine teintean a chur thuige air a' bhlàr a-muigh sna sgìrean sin.

Seo an dèidh do shia charbadan-smàlaidh a bhith a' dèiligeadh ri teine feòir ann an Obar Dheathain oidhche Ardaoin.

"Nì teintean fiadhaich sgrios uabhasach," thuirt Kenny Barbour aig Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba, a tha cuideachd na chathraiche air Fòram Theintean Fiadhaich na h-Alba.

"Chunnaic sinn an teine fiadhaich a bu mhotha a bha riamh an Alba an-uiridh faisg air Drochaid Chàrr agus Mòinteach Dhamhath a rinn sgrios air còrr air 10,000 heactair fearainn de mhòinteach is choille.

"Cha ghabh an sgrios sin air fiadh-bheatha agus àrainnean nàdair tomhas.

"Ach cuideachd nì e cron air gnothachasan dùthchail."

A bharrachd air a bhith a' dèanamh sgrios air talamh àitich, tha e cuideachd a' cur às do dh'oidhirpean mòintichean a chàradh agus coilltean ùra a chur.

"Feumaidh sinn an cunnart a th' ann gun tachair a leithid a lùghdachadh cho mòr 's as urrainn.

"Rud sam bith as urrainn dhuinn a dhèanamh airson an cunnart a lùghachadh le bhith a' toirt air falbh connaidh, 's e sin an rud as cudromaiche.

"Tha sinn ag iarraidh àrainneachd poileasaidh fhaicinn a cheadaicheas dhuinn rian a chur air na tha de chonnadh phlanntrais far a bheil mòran dheth ann."

Tuilleadh air an sgeulachd seo