Poileasaidh ùr do dh'euslaintich

Dh'innis CalMac gu bheil iad air planaichean a chur an gnìomh gus dèanamh cinnteach gun tèid aig euslaintich air a dhol air an aiseag ma tha aca ri dotair fhaicinn air tìr-mòr.

Thuirt a' chompanaidh gun cur iad tacsaidhean air dòigh do dhaoine mura tèid aca air an cuid charbadan a thoirt leotha, agus gum pàigh iad-san airson na slighe.

Le tuilleadh fiosrachaidh, seo Andreas Wolff.